Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Siostaman bhòtaidh ann an AlbaBuannachdan agus eas-bhuannachdan Siostam Ball a Bharrachd

Tha BPA air an taghadh do Phàrlamaid na h-Alba a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd. 'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a tha seo le buannachdan agus eas-bhuannachdan.

Part of Nuadh-eòlasAlba

Buannachdan agus eas-bhuannachdan Siostam Ball a Bharrachd

Dè na buannachdan a tha an lùib Siostam Ball a Bharrachd?

  • Barrachd roghainn: Tha barrachd roghainn aig luchd-bhòtaidh nuair a thèid iad a bhòtadh. Anns a' chiad bhòt 's dòcha gun tagh iad riochdaire ionadail bho aon phartaidh, ach san dara bhòt (an liosta) 's dòcha gum bhòt iad do phartaidh eadar-dhealaichte.
  • Nas cothromaiche do gach partaidh: Tha an toradh san fharsaingeachd ann an co-chuid nas cothromaiche dha na partaidhean gu lèir. Mar eisimpleir, ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2016 b' e 5% an diofar bu mhotha a bha eadar na bhòtaichean a fhuaradh agus an àireamh BPA a chaidh a thilleadh.
  • Barrachd bheachdan air an riochdachadh: Dh'fhaodadh gum biodh barrachd phartaidhean air an riochdachadh san riaghaltas oir tha e nas buailtiche gum bi co-bhanntachd ann.
  • A h-uile bhòt a' cunntadh: Ged a dh'fhaodadh nach bi mòran teansa aig an tagraiche a thagh an neach-bhòtaidh airson na roinn-phàrlamaid, cuidichidh an dara bhòt gu bhith a' taghadh riochdaire às a' phartaidh as fheàrr leotha.
  • Barrachd roghainn de riochdairean: Chan eil luchd-bhòtaidh an urra ri aon BPA. Faodaidh iad cuideachadh iarraidh air BPA a tha iad a' smaoineachadh a nì riochdachadh nas fheàrr air am beachdan no am feumalachdan.

Dè na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib Siostam Ball a Bharrachd?

  • Nas toinnte: Chan eil na taghaidhean cho sìmplidh le dà bhòt agus tagraichean rin taghadh bhon liosta sgìreil.
  • Barrachd air aon riochdaire: Tha e doirbh do chuid de luchd-bhòtaidh tuigsinn carson a tha grunn BPA a' riochdachadh gach neach-bhòtaidh.
  • Co-bhanntachd nas buailtiche: Tha e nas buailtiche gum bi riaghaltas co-bhanntachd no riaghaltas beag-chuid ann. Faodaidh seo maill a chur air co-dhùnaidhean. Faodaidh e cuideachd barrachd cumhachd a thoirt do phartaidhean nas lugha ma tha am partaidh as motha anns an riaghaltas an urra ri taic bhuapa.
  • Chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuideim: Ged as e siostam co-chuideil (PR) a th' ann an AMS, chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuid. Mar eisimpleir, fhuair PNA mu 44% dhen bhòt ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2016 ach fhuair iad 49% de BPA (63 à 129). Fhuair na Libearailich Dheamocratach mu 7% dhen bhòt ach dìreach 5 BPA (4%).
  • Smachd aig partaidhean air liostaichean sgìreil: An dara bhòt air a cleachdadh airson riochdairean a thaghadh far liosta gus am bi an toradh deireannach co-chuideil. Chan eil seo cho deamocrataigeach chionn 's e partaidhean poilitigeach seach luchd-bhòtaidh a bhios a' taghadh òrdugh nan tagraichean air an liosta.

More guides on this topic

Trending Now