Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

In-imrich ann an AlbaDàimhean eadar in-imrichean

Cò na prìomh bhuidhnean a rinn in-imrich a dh’Alba aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn? Càit an do thuinich iad agus ciamar a shoiribhich leotha?

Part of EachdraidhImrich agus ìompaireachd

Dàimhean eadar in-imrichean Èireannach agus Albannaich

Fèin-aithne Albannach

Bha uallach air na h-Albannaich mun àireamh mhòr de dh'Èireannaich a bha a' tighinn a dh'Alba.

B' e Caitligich a bh' ann am mòran dhe na h-in-imrichean Èireannach, gu h-àraidh ro 1880. B' e dùthaich Phròstanach a bh' ann an Alba agus bha uallach air na h-Albannaich gun tilleadh Caitligeachd a dh'Alba. Bha Eaglais na h-Alba, pàipearan-naidheachd agus ceannardan poilitigeach a' feuchainn ri innse do mhuinntir Alba gun robh iad ann an cunnart am fèin-aithne agus an creideamh a chall.

Cosgaisean taic

Bha mòran Èireannach glè bhochd nuair a thàinig iad a dh'Alba agus cha robh airgead aca airson iad fhèin a chumail. Bha uallach air na h-Albannaich gun cosgadh na h-Èireannaich an t-airgead a bha ri fhaotainn fo Lagh nam Bochd agus gum biodh barrachd chìsean orrasan.

Obair

Bha mòran dhen bheachd gun robh na h-Èireannaich a' faighinn nan obraichean aca. Bha na h-Èireannaich deònach obrachadh airson pàigheadh na b' ìsle agus gun chùmhnantan-obrach cho math. Bha na h-Albannaich a' faireachdainn gun robh sin gan cur-san a-mach à obair. Nam feuchadh na h-Albannaich ri strì airson cùmhnantan-obrach na b' fheàrr, bha na h-Èireannaich air an toirt a-steach airson an stailc a bhriseadh.

Gnàth-ìomhaigh

Chaidh fhàgail air na h-Èireannaich gun do 'dh'ìslich iad inbhe moralta' Alba.

  • Chaidh a' choire air na h-Èireannaich airson droch dhol a-mach. Bha cliù aig na nabhaidhean airson a bhith ri fòirneart.
  • Bha gnàth-ìomhaigh ann gun robh na h-Èireannaich gun leughadh agus gun sgrìobhadh seach nach robh foghlam aca.
  • Bha mòran dhuilgheadasan sòisealta sna sgìrean san robh na h-Èireannaich a' fuireach. Bha iad sin co-cheangailte ri bochdainn agus droch thaighean.

Bha na h-Albannaich a' faicinn choimhearsnachdan a bha làn fòirneirt agus giùlan mì-shòisealta. Bha na h-Albannaich a' cur na coire air na h-Èireannaich fhèin seach air an droch shuidheachadh sam b' fheudar dha na h-Èireannaich a bhith beò.

Fàilte

Air an làimh eile chuir mòran Albannach fàilte air na h-in-imrichean Èireannach.

  • Glè thric phòs a' chiad in-imrichean daoine san sgìre agus dh'atharraich iad an sloinneadh gu rudeigin na b' Albannaiche.
  • Bha luchd-fastaidh toilichte gun robh na h-Èireannaich a' tighinn oir bha feum air luchd-obrach làimhe agus luchd-obrach ann am factaraidhean.
  • Bha na h-Èireannaich deònach uairean fada obrachadh air droch phàigheadh agus bha luchd-fastaidh a' cur fàilte orra.
Trending Now