Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Na h-Albannaich thall thairisNa rinn cuid de dh'Albannaich fa leth

Càit an deach na h-Albannaich a rinn eilthireachd à Alba eadar na 1830an agus 1939? Dè a’ bhuaidh a thug iad air na dùthchannan san do thuinich iad?

Part of EachdraidhImrich agus ìompaireachd

Na rinn cuid de dh'Albannaich fa leth

Eilthirich Albannach ann an Canada

John Alexander McDonald

  • Rinn e eilthireachd à Glaschu ann an 1820.
  • Stèidhich e companaidh lagha soirbheachail ann an Kingston agus an uair sin ann an Toronto. Bha e a' dèiligeadh ri lagh malairt sa mhòr-chuid.
  • Bha e airson na diofar bhuidhnean a bha a' fuireach ann an Canada aonachadh meadhan nan 1800an.
  • Chaidh e an sàs ann am poilitigs ann an 1867. Chaidh a thaghadh mar a' Chiad Phrìomh Mhinistear ann an Canada agus chaidh ath-thaghadh ann an 1878. Bha e san dreuchd gus an do chaochail e ann an 1891.

Allan Gilmour

  • Rinn e imrich à Glaschu tràth sna 1800an.
  • Thog e gnìomhachas air leth soirbheachail ann am fiodh agus sna gàrraidhean-iarainn ann an Canada.
  • Rinn na bàtaichean mòra a dhealbh agus a thog e foratan dhan chompanaidh aige sna 1830an agus sna 1840an.

George Stephen

  • Rinn e imrich bho àite faisg air Banbh a Chanada ann an 1850.
  • Chuidich e le stèidheachadh agus ruith Rèile Canèidianach a' Chuain Shèimh (Canadian Pacific Railroad) sna 1880an.
  • Bha e cuideachd soirbheachail ann an roinn nam bancaichean agus chuidich sin e le maoineachadh nan rèileachan aige.
Trending Now