Dè na h-argamaidean a bha an aghaidh cur às do thràilleachd?

Part of EachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Argamaidean airson na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Dreach luath

Bha buidhnean cumhachdach an aghaidh a' ghluasaid airson cur às dhan mhalairt agus bha iad airson gun leanadh a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd a' dol.

Daoine le ùidhean ionmhasail:

  • luchd-seilbh phlanntachasan an urra ri luchd-obrach fo thràilleachd
  • luchd-tasgaidh le ùidhean gnothachais ann am bathar co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd
  • companaidhean a bha a' dèanamh prothaid à luingearachd, àrachas agus tasgadh anns a' mhalairt

Ceannardan nam bailtean 's nam mòr-bhailtean a bha a' dèanamh prothaid às a' mhalairt:

  • Lunnainn - bha buidhnean ionmhais a' toirt àrachas agus iasadan do chompanaidhean luingearachd a bha a' malairt dhaoine fo thràilleachd
  • Bristol - ionad cudromach airson steach-mhalairt siùcair bho phlanntachasan anns a' Charibbean
  • Liverpool - am baile malairt a bu mhotha ann am Breatainn airson malairt Afraganaich fo thràilleachd agus prìomh phort airson steach-mhalairt cotan a chaidh a bhuain air planntachasan
  • Glaschu - am prìomh bhaile ann am malairt an tombaca anns an Roinn Eòrpa

Buill Pàrlamaid agus buill de Thaigh nam Morairean:

  • bha an ùidhean ionmhasail fhèin aig cuid anns a' mhalairt
  • bha cuid air am pàigheadh le buidhnean lobaidh a bha air an ruith le luchd-seilbh phlanntachasan

Bha eagal poilitigeach ann cuideachd mu chur às do thràilleachd:

  • bha cur às do thràilleachd air fhaicinn co-cheangailte ri poilitigs radaigeach agus
  • dh'adhbharaich Mòr-chaochladh na Frainge eagal mu neo-stèidhealachd ann am Breatainn
  • shaor colonaidhean Frangach Afraganaich a bha fo thràilleachd agus bha ùpraid agus ar-a-mach annta. Bha eagal air luchd-poilitigs ann am Breatainn mun aon rud
  • bha eaconamaidh Bhreatainn an urra ri airgead co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd
Back to top

Ionnsaich barrachd

Cò aig an robh ùidh ionmhasail a bhith a' leantainn leis a' mhalairt?

Dealbh a' sealltainn rùp dhaoine Afraganach fo thràilleachdImage source, Science History Images /ALAMY
Image caption,
Bha luchd-seilbh phlanntachasan a' faicinn ceannach Afraganaich fo thràilleachd mar thasgadh. Mar sin, bha iad an aghaidh cur às dhan mhalairt chionn gun cailleadh iad an t-airgead a bha iad air a thasgadh.

Fhuair mòran dhaoine buannachd às a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd. Nan deigheadh cur às dhan mhalairt, chuireadh e an teachd-a-steach aca ann an cunnart:

  • bha luchd-seilbh phlanntachasan ann an cunnart an luchd-obrach fo thràilleachd ris an robh iad an crochadh a chall
  • cha bhiodh gnothachas tuilleadh aig luchd-malairt Afraganaich fo thràilleachd
  • bha luchd-tasgaidh ann an gnothachasan co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ann an cunnart na prothaidean aca a chall
  • dh'fhaodadh luchd-obrach ann an gnìomhachasan a bha a' faighinn buannachd às a' mhalairt an obraichean agus an teachd-a-steach a chall
Dealbh a' sealltainn rùp dhaoine Afraganach fo thràilleachdImage source, Science History Images /ALAMY
Image caption,
Bha luchd-seilbh phlanntachasan a' faicinn ceannach Afraganaich fo thràilleachd mar thasgadh. Mar sin, bha iad an aghaidh cur às dhan mhalairt chionn gun cailleadh iad an t-airgead a bha iad air a thasgadh.
Back to top

Dè na bailtean a bha an aghaidh cur às do thràilleachd?

Mac-samhail dhen bhàta tràilleachd, an Zong, air Abhainn ThamesImage source, Nic Hamilton Photographic /ALAMY
Image caption,
Mac-samhail dhen bhàta tràilleachd, an Zong, air Abhainn Thames. Bha Lunnainn na phort cudromach a bha an sàs ann am bathar co-cheangailte ris a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

Dh'fhàs iomadh baile ann am Breatainn beairteach bhon mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Bha cuid an sàs gu dìreach anns a' mhalairt. Fhuair feadhainn eile buannachd bhon bhathar is bhon stuth a chaidh a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd.

  • Bha ionadan ionmhais Lunnainn mar Lloyd's of London agus Barclays a' toirt àrachas agus iasadan do bhàtaichean a bha ri malairt dhaoine Afraganach fo thràilleachd.
  • Bha port Bhristol na ionad cudromach airson siùcar a steach-mhalairt bho phlanntachasan a' Charibbean.
  • B' e Liverpool an t-àite a bu mhotha a bha an sàs ann am malairt Afraganaich fo thràilleachd ann am Breatainn. Bha am port cuideachd a steach-mhalairt cotan a chaidh a bhuain air planntachasan airson a bhith air a chleachdadh ann an muilnean theacstaidhlean Bhreatainn.
  • Bha smachd aig Glaschu air a' chuid bu mhotha de mhalairt thombaca na Roinn Eòrpa. Bha an tombaca seo air fhàs agus air a bhuain ann an Ameireaga a Tuath agus Deas le luchd-obrach fo thràilleachd.

Bha a' mhalairt sin agus am beairteas a bha e a' cruthachadh a' toirt taic dhan eaconamaidh san fharsaingeachd ann am bailtean Bhreatainn.

Bha obraichean mar dèanamh theacstaidhlean, dèanamh ròpannan agus togail-bhàtaichean uile an urra ri reic agus ceannach stèidhichte air a' mhalairt. Dh'fheumadh bàtaichean a bhith air an togail agus air an ath-sgeadachadh airson Afraganaich fo thràilleachd a ghiùlan. Bha a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd cuideachd a' fastadh nam mìltean sheòladairean.

Bha muilnean cotain Bhreatainn an urra ri cotan saor air fhàs a' cleachdadh luchd-obrach fo thràilleachd.

Rinn a' mhalairt thriantanach Afraga na margaid phrothaideach airson bathar dèanta à Breatainn mar aodach, gunnachan agus deoch-làidir.

Bha marsantan beairteach à Lunnainn, Liverpool agus Bristol an aghaidh cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd airson na gnothachasan aca a dhìon.

Ann an 1775 chaidh tagradh a chur dhan phàrlamaid le mèar, marsantan agus muinntir Bhristol a' toirt taic dhan mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd a chumail a' dol.

Mac-samhail dhen bhàta tràilleachd, an Zong, air Abhainn ThamesImage source, Nic Hamilton Photographic /ALAMY
Image caption,
Mac-samhail dhen bhàta tràilleachd, an Zong, air Abhainn Thames. Bha Lunnainn na phort cudromach a bha an sàs ann am bathar co-cheangailte ris a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.
Back to top

Cò anns a' Phàrlamaid a bha an aghaidh cur às do thràilleachd?

Bha ùidhean gnothachais aig mòran dhaoine beairteach agus buadhmhor ann an planntachasan anns a' Charibbean. Bha cur às do thràilleachd na chunnart ionmhasail dhaibh.

Phàigh buidhnean lobaidh a bha an aghaidh cur às do thràilleachd Buill Phàrlamaid agus chuir iad ìmpidh orra taic a thoirt dha na h-ùidhean aca.

Bha ùidhean ionmhasail pearsanta aig cuid de Bhuill Pàrlamaid agus de bhuill Thaigh nam Morairean ann am planntachasan agus anns a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd:

  • Bha William Beckford, aig an robh oighreachd le 22,000 acair ann an Iameuga, dà thuras na Mhorair Mèar air Lunnainn
  • Eadar meadhan agus deireadh nan 1700an, bha còrr is 50 BP anns a' Phàrlamaid a' riochdachadh phlanntachasan tràilleachd
  • Eadar 1700 agus 1820, bha co-dhiù 25 de mhorairean mèar Liverpool an sàs gu dlùth ann am malairt na tràilleachd

Bha làmh-an-uachdair aig diofar bhuidhnean ùidhe ann an Taigh nan Cumantan. Fad ùine mhòr, b' e a' West India Lobby a bu chumhachdaiche. Bha Diùc Chlarence, fear de mhic Dheòrsa III, na bhall dhen bhuidheann. Thug a' West India Lobby dùbhlan mhòr dhan fheadhainn a bha airson cur às do thràilleachd.

Chaidh Comann Luchd-planntachaidh is Mharsantan nan Innseachan an Iar (Society of West India Planters and Merchants) a stèidheachadh anns na 1760an. Mheudaich a' bhuidheann seo na bha gan riochdachadh sa Phàrlamaid airson buaidh a thoirt air reachdas cìsean siùcair agus airson an ùidhean a dhìon.

Bha an dòigh-obrach aca a’ gabhail a-steach luchd-fianais a chur air adhart a bha a’ toirt taic dhan mhalairt agus a bheireadh teisteanas do rannsachaidhean pàrlamaid.

Back to top

Ciamar a thug Mòr-chaochladh na Frainge buaidh air a' chùis?

Gràbhalachd a' sealltainn Mòr-chaochladh na FraingeImage source, Photo 12/ALAMY
Image caption,
Bha bliadhnaichean de dh'ainneart ann aig àm Mòr-chaochladh na Frainge (1789-1799) nuair a chaidh poblachd a stèidheachadh às dèidh an uaisleachd riaghlaidh a thilgeil sìos.

Mar a bha an t-iarrtas airson cur às do thràilleachd a' sìor fhàs, thachair (1789-1799). Chùm seo adhartas a dh'ionnsaigh cur às do thràilleachd air ais.

Bha cuid dhen fheadhainn a bha airson cur às do thràilleachd, mar Thomas Clarkson, le sàr-bheachdan coltach ris an fheadhainn a bha an lùib Mòr-chaochladh na Frainge.

Bha daoine a bha airson cur às do thràilleachd gu mòr air am faicinn mar fheadhainn a bha cho radaigeach ri feadhainn an sàs ann am Mòr-chaochladh na Frainge. Chleachd an fheadhainn a bha an aghaidh cur às do thràilleachd an ainneart agus an ùpraid a bh' anns an Fhraing mar rabhadh: dh'fhaodadh an rud a bha a' tachairt anns an Fhraing tachairt ann am Breatainn.

Bha sàr-bheachdan Mòr-chaochladh na Frainge – "saorsa, co-ionannachd, bràithreachas" – air am faicinn mar chunnart dìreach do 'luchd-seilbh' dhaoine fo thràilleachd. Nam biodh a h-uile duine co-ionann agus le còir air saorsa, cha b' urrainn do thràilleachd tachairt.

Anns na 1790an, chuir an Fhraing laghan an gnìomh a thug an saorsa do dh'Afraganaich fo thràilleachd ann an colonaidhean Frangach thall thairis. Aig a' cheart àm, dh'fheuch cuid de cholonaidhean ri crìoch a chur air smachd na Frainge. Bha eagal ann gun adhbharaicheadh cur às do thràilleachd ar-a-mach ann an colonaidhean Bhreatainn.

Aig an aon àm, bha Breatainn a' cogadh ris an Fhraing. Bha a bhith a' toirt taic do chur às do thràilleachd air fhaicinn mar a bhith an aghaidh adhbhar a' chogaidh.

Gràbhalachd a' sealltainn Mòr-chaochladh na FraingeImage source, Photo 12/ALAMY
Image caption,
Bha bliadhnaichean de dh'ainneart ann aig àm Mòr-chaochladh na Frainge (1789-1799) nuair a chaidh poblachd a stèidheachadh às dèidh an uaisleachd riaghlaidh a thilgeil sìos.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Bha mòran bhuidhnean an aghaidh cur às do thràilleachd:

Ùidhean ionmhasail

  • bha luchd-seilbh phlanntachasan an urra ri luchd-obrach fo thràilleachd
  • daoine a bha a' tasgadh anns a' mhalairt
  • luchd-seilbh ghnothachasan a bha a' dèanamh prothaid à bather agus seirbheisean co-cheangailte ris a' mhalairt
  • bha luchd-obrach theacstaidhlean an urra ri cotan a bha luchd-obrach fo thràilleachd a' fàs air planntachasan

Mòr-bhailtean

Dh'fhàs cuid de bhailtean beairteach mar thoradh air a' mhalairt:

  • Lunnainn - thug companaidhean ionmhais àrachas agus iasadan do chompanaidhean luingearachd
  • Bristol - a' steach-mhalairt siùcar bho phlanntachasan a' Charibbean
  • Liverpool - a' malairt dhaoine Afraganach fo thràilleachd agus a' steach-mhalairt cotan
  • Glaschu - dh'fhàs e beairteach air sgàth malairt an tombaca

Luchd-obrach

  • bha luchd-obrach ann an gàrraidhean bhàtaichean a' togail agus a' sgeadachadh bhàtaichean tràilleachd
  • bha docairean agus luchd-obrach nan taighean-bathair a' toirt bathar bho na planntachasan far nam bàtaichean
  • bha na mìltean de sheòladairean ag obair anns a' mhalairt thriantanaich

Luchd-poilitigs

  • bha cuid de Bhuill Pàrlamaid agus de bhuill Thaigh nam Morairean nan luchd-seilbh phlanntachasan
  • bha cuid de luchd-poilitigs air am pàigheadh le buidhnean lobaidh a bha an aghaidh cur às do thràilleachd

Bha adhbharan poilitigeach cuideachd ann an aghaidh cur às do thràilleachd:

  • bha daoine a bha airson cur às do thràilleachd air am faicinn mar radaigich le beachdan cunnartach
  • dh'adhbharaich Mòr-chaochladh na Frainge eagal mu neo-stèidhealachd ann am Breatainn
  • shaor colonaidhean Frangach daoine Afraganach a bha fo thràilleachd agus bha ar-a-mach ann. Bha eagal air luchd-poilitigs ann am Breatainn gun tachradh an aon rud an seo
  • bha eaconamaidh Bhreatainn an urra ri airgead co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, gu h-àraidh aig àm nuair a bha iad a' cogadh ris an Fhraing
Back to top

More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Find out more by working through a topic

Trending Now