Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Lùth geo-thearmach

Part of Ionnsachadh airson SeasmhachdBunan lùtha is seasmhachd

'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth geo-thearmach a bhios a' cleachdadh teas nàdarra na Talmhainn airson dachaighean agus gnothachasan a theasachadh no airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an lùth geo-thearmach
  • Mar a ghabhas a chleachdadh airson dealan a ghintinn
  • Àitichean air an t-saoghal far a bheil lùth geo-thearmach air a chleachdadh
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth geo-thearmach

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Stèiseanan cumhachd geo-thearmach

Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach gan togail far a bheil amaran uisge fon talamh timcheall nan ann am na Talmhainn.

Tha na beàrnan eadar na pleataichean a' leigeil le an t-uisge a theasachadh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach a' cleachdadh cumhachd teas nàdarra na Talmhainn airson dealan a ghintinn. (Bart Pro / Alamy Stock Photo)

Ann an stèisean lùth geo-thearmach:

  • Tha stioma air a chruthachadh bho theas an uisge air a tharraing suas chun an uachdair.

  • Bidh an bhon stioma a' tionndadh anns an stèisean cumhachd.

  • Bidh na a' cur seo gu dealan.

  • Bidh an tùr-fuarachaidh a' fuarachadh an stioma agus bidh e a' dol na uisge a-rithist, agus bidh an t-uisge an uair sin air a thilleadh tro na pìoban chun an amair far an tòisich am pròiseas a-rithist.

Far a bheil stèiseanan cumhachd geò-thearmach

Tha stèiseanan cumhachd geò-thearmach suidhichte ann an àitichean air an t-saoghal a tha nan laighe air eadar . Tha tòrr obair bholcànach annta agus tha rùsg na Talmhainn nas taine, agus tha sin a' cuideachadh leis na suidhichidhean a chruthachadh a dh'fheumar airson lùth geo-thearmach a ghlacadh gu furasta.

Thèid aig dùthchannan mar Innis Tìle, Sealan Nuadh agus Indonìsia air lùth geo-thearmach a chleachdadh chionn tha iad air na loidhnichean-sgàinidh sin.

Image caption,
Tha stèiseanan cumhachd geò-thearmach suidhichte ann an àitichean air an t-saoghal a tha nan laighe air loidhnichean-sgàinidh eadar pleataichean teactonaig. Faodaidh tòrr obair bholcànach a bhith anns na h-àitichean seo agus tha sin a' cuideachadh le na suidhichidhean a chruthachadh a dh'fheumar airson lùth geo-thearmach a chleachdadh.

Pumpaichean teas talmhainn

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Ann an Alba faodaidh tu pumpaichean teas talmhainn a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth a thoirt dha na dachaighean againn.

Bhon nach bi ionadan-lùth geo-thearmach ag obrachadh gu math ach ann an àitichean far a bheil loidhnichean-sgàinidh eadar pleataichean teactonaig, cha bhi Alba a' gintinn lùth san dòigh seo.

Ach ge-tà, thèid aig dùthchannan mar Alba fhathast air lùth geo-thearmach a chleachdadh le bhith a' cleachdadh pumpaichean teas talmhainn.

Mar as fhaide sìos a thèid thu fon talamh, 's ann as blàithe a tha an talamh, agus mar sin gabhaidh lionn a bhlàthachadh le bhith ga phumpadh tro phìoban fon talamh. Faodaidh sinn seo a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth dha na dachaighean againn.

Tha seo na eisimpleir eile air lùth geo-thearmach.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan dealan geo-thearmach

Buannachdan

  • Tha lùth geo-thearmach nas fheàrr dhan àrainneachd na bhith a' cleachdadh chonnaidhean-fosail agus tha an lorg carbon aige ìosal.

  • 'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann nach teirig. Tha na h-amaran teth san Talamh air an ath-lìonadh gu nàdarra, ga dhèanamh ath-nuadhachail agus seasmhach.

  • Tha mòran stòran geo-thearmach ann nach do rannsaich sinn fhathast agus tha mar sin tòrr mòr lùth eile ann ri lorg agus ri chleachdadh.

Eas-bhuannachdan

  • Cha ghabh ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail sa h-uile h-àite. Chan obraich iad ach air loidhnichean-sgàinidh, agus tha sin a' ciallachadh nach urrainn iomadh sgìre air an t-saoghal (mar Alba) an lùth seo a chleachdadh.

  • Faodaidh gasaichean taigh-glainne fon talamh a dhol mu sgaoil fhad 's a thathar a' drileadh dhan talamh airson ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail. Bidh na gasaichean seo a' dol mu sgaoil dhan àile gu nàdarra, ach bidh e a' tachairt nas luaithe faisg air ionadan geo-thearmach.

  • Dh'fhaodadh togail ionadan-lùth geo-thearmach (a tha a' cur feum air cladhach dhan talamh) crithean-talmhainn adhbhrachadh.

Back to top

rùsg na Talmhainn - Filleadh uachdrach na Talmhainn. Tha e a' còmhdach na planaid gu lèir, muir agus tìr. Tha e air a dhèanamh de chreagan agus de mhèinnirean agus faodaidh tighead 1.5 gu 70 km a bhith ann.

pleataichean teactonaig - Leacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann.

loidhnichean-sgàinidh - Sgàinidhean fada ann an rùsg na Talmhainn. Bidh na sgàinidhean seo a' nochdadh eadar leacan mòra, mòra de chreagan ris an canar pleataichean teactonaig. Bidh crithean-talmhainn agus bholcànothan mar as trice a' tachairt aig loidhnichean-sgàinidh.

fallainn - Am filleadh as tighe de thaobh a-staigh na Talmhainn. Tha e na laighe eadar eitean na Talmhainn agus rùsg na Talmhainn. Tha e uabhasach fhèin teth agus 's e creag leaghte as motha a th' ann.

magma - Creag leaghte a tha shìos domhainn fo uachdar na Talmhainn. Gheibh magma a-mach nuair a nochdas sgàinidhean ann an rùsg na Talmhainn no nuair a spreadhas bholcànothan. Canar làbha ri magma a ruigeas uachdar na Talmhainn.

mòr-thubaist nàdarra - Rud a thachras mar thoradh air pròiseasan nàdarra. Chan urrainn daoine mòr-thubaist nàdarra adhbhrachadh. Tha bholcànothan, crithean-talmhainn agus tsunamithean nan eisimpleirean de mhòr-thubaistean nàdarra a dh'fhaodas a bhith air an adhbhrachadh le gluasad nam pleataichean teactonaig.

tuirbin - 'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

tùr-fuarachaidh - Tùr mòr air a chleachdadh airson an stioma fhuarachadh, ga thionndadh air ais na uisge, a tha an uair sin air a thilleadh dhan amar.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

Dùbhlan

Lorg dùthchannan a dh'fhaodadh lùth geo-thearmach a chleachdadh

  1. Lorg mhap air-loidhne: map dhen t-saoghal agus map de loidhnichean-sgàinidh an t-saoghail.

  2. Cleachd na mapaichean agus lorg dùthchannan 's dòcha aig a bheil comas cumhachd a chruthachadh a' cleachdadh lùth geo-thearmach.

  3. Tagh a dhà no trì dhùthchannan: A bheil ionadan-lùth geo-thearmach aca an-dràsta? Ma tha, carson a tha an lùth seo air a chleachdadh?

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic

Trending Now