Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Bataraidhean agus stòran lùth

Part of Ionnsachadh airson SeasmhachdBunan lùtha is seasmhachd

'S e stòran de lùth ceimigeach a ghabhas atharrachadh gu lùth dealain agus a chleachdadh mar bhun cumhachd a th' ann am bataraidhean.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu dheidhinn:

  • Dè th' ann am bataraidhean
  • Diofar sheòrsaichean bhataraidhean
  • Beachdan ùra mu stòradh lùth
  • Buannachdan agus eas-bhuannachdan bhataraidhean

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean bhataraidhean agus stòran lùth.

Back to top

Carson a tha bataraidhean feumail?

Faodaidh sinn bataraidhean a chleachdadh mar chumhachd do dh’uidheaman gluasadach. Leigidh iad le uidheaman dealan a chleachdadh gun am plugadh dha na prìomh bhunan dealain, mar socaidean anns a’ bhalla. Bidh fònaichean-làimhe, tablaidean, uidheam-smachd an Tbh agus toirdsichean a' cleachdadh bataraidh.

Gabhaidh cuid de bhataraidhean an ath-theàrrdsadh gus an gabh an cleachdadh a-rithist agus a-rithist. Faodaidh a bhith gan teàrrdsadh le dealan bho bhunan ar cuideachadh a' sabaid an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde le bhith a' lùghdachadh na dh'fheumas sinn a losgadh de chonnaidhean-fosail.

Seòrsaichean bhataraidhean

Image caption,
Tha bataraidhean alcaileach a' toirt cumhachd do mhòran ghnothaichean taighe, mar smachdairean-uidheaman, toirdsichean, clocaichean agus dèideagan. Cha ghabh an ath-theàrrdsadh agus mar sin feumar an ath-chuairteachadh nuair a theirigeas an lùth. (romiri / Alamy Stock Photo)

Bataraidhean alcaileach

'S e bataraidhean alcaileach an seòrsa bataraidh a bhios sinn a' cleachdadh airson rudan mar uidheam-smachd Tbh, smachdair gheamaichean agus toirdsichean.

Tha rud beag cumhachd anns na bataraidhean seo agus tha e furasta an gluasad no an toirt a-mach. Ach, aon uair 's gun teirig an lùth a th' annta, feumar an ath-chuairteachadh.

Tha cuid de bhataraidhean alcaileach a ghabhas an ath-theàrrdsadh agus gabhaidh an cleachdadh iomadh turas mus feumar an ath-chuairteachadh.

Image caption,
Tha bataraidhean alcaileach a' toirt cumhachd do mhòran ghnothaichean taighe, mar smachdairean-uidheaman, toirdsichean, clocaichean agus dèideagan. Cha ghabh an ath-theàrrdsadh agus mar sin feumar an ath-chuairteachadh nuair a theirigeas an lùth. (romiri / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Gabhaidh bataraidhean litium an ath-theàrrdsadh. Tha iad ann an uidheaman gluasadach mar fònaichean-làimhe, laptops agus bruisean-fhiaclan dealain. (Zoonar GmbH / Alamy Stock Photo)

Bataraidhean litium-ion

Bidh iad seo a' toirt cumhachd do rudan a dh'fheumas barrachd lùth na bataraidh alcaileach, mar coimpiutairean, fònaichean-làimhe agus càraichean dealain. Nuair a theirigeas an lùth a th' annta, gabhaidh dìreach an ath-theàrrdsadh.

Tha bataraidhean litium daor an dèanamh agus tha mèinneadh nan stuthan a dh'fheumas iad mar cobalt, ag adhbharachadh truailleadh. Cuideachd, tha na stuthan sin glè thric ann an àitichean dhen t-saoghal sa bheil còraichean an luchd-obrach truagh agus an cor-obrach cunnartach, mar Poblachd Dheamocratach a' Chongo.

Cuideachd, faodaidh bataraidhean litium-ion tòrr lùth teas a chaitheamh nuair a dh'fhàsas iad teth.

An robh fios agad?

  • Nuair a bhios tu ag ath-theàrrdsadh a' fòn agad, bidh thu ag ath-theàrrdsadh bataraidh litium-ion sa fòn.
  • Bidh cuid de thuathan grèine a' cleachdadh bhataraidhean mòra litium airson an dealan a ghlacas a stòradh. Thèid aig na bataraidhean an uair sin air an dealan seo a chur chun a' air an oidhche no air làithean sgòthach nuair nach eil panailean grèine a' gintinn dealan.
Image caption,
Gabhaidh bataraidhean litium an ath-theàrrdsadh. Tha iad ann an uidheaman gluasadach mar fònaichean-làimhe, laptops agus bruisean-fhiaclan dealain. (Zoonar GmbH / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Gabhaidh bataraidhean haidridean a chleachdadh airson carbadan a ruith. (David Gee / Alamy Stock Photo)

Bataraidhean haidridean

Tha bataraidh haidridean mar einnsean. Bidh i a' stòradh a ghabhas a chur còmhla ri ogsaidean ann an iom-obrachadh ceimigeach a leigeas lùth mu sgaoil. A bharrachd air lùth, cha bhi an t-iom-obrachadh seo a' dèanamh càil ach uisge. Chan eil truailleadh sam bith na chois agus chan eil carbon dà-ogsaid no gasaichean taigh-glainne air an leigeil mu sgaoil.

Ach, tha tòrr dhen haidridean air a dhèanamh le bhith a' losgadh . Faodaidh nach eil bataraidhean haidridean a' dèanamh cron air , ach faodaidh gu bheil an connadh a tha a' dol annta cronail.

Image caption,
Gabhaidh bataraidhean haidridean a chleachdadh airson carbadan a ruith. (David Gee / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Bhon a tha sinn an urra barrachd is barrachd ri lùth na gaoithe agus lùth na grèine, feumaidh sinn teicneòlasan stòraidh ùr a leasachadh mar an siostam Gravitricity. Tha seo ag obrachadh mar bhataraidh mhòr, uabhasach airson an dealan bho bhunan lùth ath-nuadhachail a chothromachadh agus a stòradh. (Gravitricity / Peter Dibdin)

Bataraidhean stòradh grabhataidh

'S e dòigh ùr a tha seo air lùth a stòradh, agus tha e ag obrachadh caran coltach ri bataraidh.

Bidh bloc mòr concrait ga chur air siostam phulaidhean suas tùr no ann an toll domhainn, mar toll-mèinne. Nuair a bhios barrachd dealain ga ghintinn na tha air a chleachdadh, an àite an lùth seo a bhith air a chaitheamh, gabhaidh a chleachdadh airson cumhachd a thoirt do uinnse a tharraingeas am bloca gu mullach an tuill.

Nuair a tha feum air barrachd dealain, tha am bloca concrait air ìsleachadh. Bidh an gluasad seo a' cuir car de a ghineas dealan.

Image caption,
Bhon a tha sinn an urra barrachd is barrachd ri lùth na gaoithe agus lùth na grèine, feumaidh sinn teicneòlasan stòraidh ùr a leasachadh mar an siostam Gravitricity. Tha seo ag obrachadh mar bhataraidh mhòr, uabhasach airson an dealan bho bhunan lùth ath-nuadhachail a chothromachadh agus a stòradh. (Gravitricity / Peter Dibdin)

Ag ath-chuairteachadh bhataraidhean

Tha ceimigean cronail ann am bataraidhean a dh'fhaodas aoidion nuair a bhios a' bhataraidh a' grodadh agus cron a dhèanamh air an àrainneachd. Tha e mar sin cudromach bataraidhean ath-chuairteachadh mas urrainn dhuinn.

Image caption,
Glè thric bidh soithichean anns na supermarcaitean dham faod thu bataraidhean alcaileach a chur. (Sergio Azenha / Alamy Stock Photo ; Paul Sampson / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan bhataraidhean

Buannachdan

  • Bidh bataraidhean a' stòradh lùth agus mar sin thèid againn air caitheamh lùth a lùghdachadh. Cuidichidh seo sinn gu bhith a' lùghdachadh na tha sinn a' cleachdadh de lùth neo-ath-nuadhachail agus le sin cuidichidh sinn an àrainneachd.

  • Tha mòran bhataraidhean furasta an toirt a-mach, agus tè ùr a chur a-steach no ath-theàrrdsadh.

  • Tha mòran bhataraidhean beag agus gluasadach, agus mar sin bheir iad dealan do dh'uidheaman gluasadach agus do charbadan.

Eas-bhuannachdan

  • Tha cuid de bhataraidhean daor an dèanamh no bidh iad ag adhbharachadh truailleadh gan dèanamh.

  • Tha cuid de bhataraidhean, mar bataraidhean litium-ion, a' cleachdadh stuthan a tha air am mèinneadh ann an àitichean far an dòcha nach robh còraichean luchd-obrach no còraichean chloinne air an dìon.

  • Faodaidh ceimigean bho sheann bhataraidhean an talamh agus solaran uisge a thruailleadh, mura tèid an ath-chuairteachadh.

Back to top

lùth ceimigeach - Tha ceimigean ann am bataraidhean agus 's e lùth ceimigeach an lùth a th' air a stòradh anns na ceimigean sin. Tha lùth air a leigeil mu sgaoil nuair a bhios iom-obrachadh ceimigeach eadar na ceimigean.

iom-obrachadh ceimigeach - Nuair a bhios aon stuth, no barrachd air aon, ag iom-obrachadh ri chèile airson stuth ùr a chruthachadh. Ma nì thu cèic no aran, bidh iom-obrachaidhean ceimigeach ann agus tha stuth ùr air a chruthachadh.

connaidhean-fosail - Connaidhean a bhios a' tighinn às an Talamh. 'S e seann nithean a bha beò o chionn fhada an t-saoghail, agus a tha air lobhadh agus air an dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir, a th' ann an connaidhean-fosail. 'S e connaidhean-fosail a th' ann an gual, ola agus gas.

haidridean – 'S e gas gu math cumanta a th' ann a' haidridean. Chan eil fàileadh, blas no dath air. 'S e an eileamaid cheimigeach as cumanta anns a' chruinne-cè.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

Dùbhlan

Lorg agus dèan liosta dhe gach uidheam san dachaigh agad a tha ag obrachadh le bataraidh

Dèan nòta san liosta a bheil bataraidh alcaileach ann (tè a ghabhas toirt às, agus tèile a chur na h-àite agus a h-ath-chuairteachadh nuair a theirigeas an lùth a th' innte) no bataraidh litium-ion (a ghabhas a h-ath-theàrrdsadh).

Dèan clàr-shràcan dhe na th' ann de gach seòrsa bataraidh.

Cudromach! Iarr cuideachadh air inbheach nuair a bhios tu a' dèanamh seo, oir dh'fhaodadh nach bi e sàbhailte dhut cuid dhe na h-uidheaman sa bheil bataraidh a làimhseachadh thu fhèin.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic

Trending Now