Planaichean airson Caisteal Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh an caisteal a bhith fosgailte do luchd-turais ann an còig bliadhna
Chaidh planaichean airson Caisteal Inbhir Nis fhoillseachadh le Comhairle na Gàidhealtachd.
Thèid àite do luchd-turais, le taigh-tasgaidh agus gailearaidhean, a dhèanamh dhen togalach a bhuineas dhan 19mh linn agus a tha air cnoc os cionn Abhainn Nis.
Bha an caisteal air a chleachdadh mar chùirt siorraidh gu na bu tràithe am bliadhna.
Gheall Riaghaltas na h-Alba £15m airson an leasachaidh.

Bha an caisteal air a chleachdadh mar chùirt gu bho chionn ghoirid
Tha togalach ùr ann a cheangalas an dà thùr am measg nam planaichean.
Thèid tobar, bhon chaisteal a bh' ann ron togalach a th' ann an-diugh, a chaidh a sgrios ann an 1746, a chumail agus a dhèanamh mar phàirt dhen leasachadh.
Cha d' fhuair na planaichean cead fhathast, ach dh'fhaodadh an caisteal a bhith fosgailte do luchd-turais ann an timcheall air còig bliadhna.

Chaidh togalach ùr a cheangaladh na tùir a mholadh
Chaidh an caisteal a thogail ann an 1836.
Chaidh togalach a chaidh a chleachadh mar phrìosan a chur ris ann an 1848.
Tha beachd ann gun robh caisteal aig an làraich cho tràth ris an 11mh linn.