Spòrs

Latest updates

  1. Kellacher ag iarraidh barrachd bho chluicheadairean ICTair fhoillseachadh aig 11:47 GMT

    Scott KellacherTùs an deilbh, ICT

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gu bheil e a' sùileachadh barrachd bhon sgioba aige an aghaidh East Fife san lìog oidhche Mhàirt às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na h-Alba air an deireadh-sheachdain.

    Chaill ICT ri Spartans bho Lìog 2 air breaban-peanais is an geama air crìochnachadh 0-0.

    Thuirt Scott Kellacher gur e cothrom caillte a bha seo an sia deug mu dheireadh den chupa a ruighinn, is e a' tighinn cuideachd às dèidh sreath gheamannan nuair nach eil an sgioba air a bhith a' dèanamh cho math 's a bha.

    "Briseadh-dùil mòr oir bha cothroman gu leòr againn an geama a bhuannachadh", thuirt Kellacher.

    "Tha fòcas againn a-nise air East Fife san lìog oidhche Mhàirt. Feumaidh barrachd spionnaidh a bhith annain, barrachd spàirn".

    Tha ICT an-dràsta san dàrna àite ann an Lìog 1, trì puingean air cùl Stenhousemuir, ach iad air dà gheama nas lugha a chluich.

    Bha briseadh-dùil cuideachd aig a' chluba eile às a' Ghàidhealtachd a bha fhathast ann an Cupa na h-Alba is Ross County a' call 1-0 ri Tobar na Màthar.

    Thuirt am manaidsear aca Stuart Kettlewell gun robh e ìre mhath toilichte le mar a chluich an sgioba aige ach gu bheil obair gu leòr ri dhèanamh fhathast.

    Chan eil dad eile san amharc aige, thuirt e, ach an cluba a chumail san Championship.

    Tha geama cudromach aig na Staggies san lìog Disathairne seo tighinn is iad a' siubhal gus Airdrieonians a chluich.

    Tha na Daoimeanan an-dràsta ceithir puingean os cionn Chounty sa bhlàr aig bonn na lìge.

  2. Major dha Mac an t-Saoir am-bliadhna?air fhoillseachadh aig 09:05 GMT

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Saoil an e seo a' bhliadhna nuair a gheibh Bob Mac an t-Saoir às an Òban a làmhan air farpais Major?

    Bha sin am measg nan cuspairean a bha fon phrosbaig aig Iain Moireasdan is an sgioba sa phrògram as ùire aca, is iad cuideachd a' bruidhinn ri Kerry Nic a' Phì is i a' coimhead air ais air farpais an Strathpuffer a bhuannaich i an t-seachdain seo chaidh.

    Sin agus gu leòr eile!

    Gheibhear am prògram slàn an seo:

  3. County air càineadh a dhèanamh air buidheann de luchd-taic ògaair fhoillseachadh aig 12:33 GMT 15 Am Faoilleach

    Ceò ag èirigh aig Pàirc Bhictoria às dèidh do chleasan-teine a bhith air an tilgeil

    Dh'fhàg Ross County air buidheann bheag de luchd-taic gu bheil iad ri buaireadh taobh a-staigh is taobh a-muigh Pàirc Bhictoria.

    Chaidh cleas-teine a thilgeil air a' phàirc Dihaoine às dèidh do Chounty tadhal a chur an aghaidh Partick Thistle ann an geama a bhuannaich iad 2-0.

    Thuirt an cluba gun deach òganach a chumail an grèim is a chur ann an làmhan nam poileas.

    Tha e an aghaidh an lagha cleasan-teine a thoirt a-steach a phàircean ball-coise is thuirt Ross County gun robh e fortanach nach deach duine a ghoirteachadh.

    "Tha buidheann bheag de luchd-taic òga air tighinn am bàrr bho chionn ghoirid is iad airson trioblaidean adhbharachadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na pàirce," thuirt an cluba.

    "Cha ghabh sinn ri seo idir.

    "Chan eil fàilte idir air feadhainn a tha 'son a bhith ri mì-mhodh."

    Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh co-chomhairle air am bu chòir cumhachdan a leudachadh gus luchd-leantainn a chasg bho gheamaichean 'son cleasan-teine a chleachdadh air neo 'son a bhith a' dèanamh càinidh air-loidhne.

  4. Spòrscast: "Bha e cumhachdach a bhith san uisge còmhla ri caraidean"air fhoillseachadh aig 11:52 GMT 15 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ann an Spòrscast tha Eileen NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Marsaili NicLeòid mu na cur-seachadan spòrs aice agus cho cudromach 's a bha iad aig àm doirbh na beatha nuair a bha i a' fulang le aillse.

    Gheibhear an còmhradh eadar Eileen is Marsaili an seo.

  5. Obair a' tòiseachadh air goireas ùr ball-coise an Càrlabhaghair fhoillseachadh aig 12:15 GMT 13 Am Faoilleach

    Andrew Macleòid (CalMax), Gòrdan Jamieson (NHS nan Eilean Siar), is Calum Macleòid, Iain “Dougie” MacIlleathain, Derek Macleòid, is Allan Cox (uile Càrlabhagh FC) is iad aig làrach an leasachaidh.Tùs an deilbh, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

    Tha obair air tòiseachadh gus pàirc bheag ùr ball-coise a thogail ann an Càrlabhagh.

    Bidh a' phàirc ri taobh prìomh phàirce sgioba Chàrlabhaigh aig Cnoc a' Choillich.

    Thèid an leasachadh air adhart is taic £22,000 air tighinn bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar.

    Tha Càrlabhagh ag ràdh gur e àite a th' ann far an urrainn don òigridh ball-coise a chluich is far an urrainn dha sgiobaidhean inbheach blàthachadh suas.

    Tha iad an dòchas gum brosnaich e cuideachd daoine aig gach aois a bhith ri eacarsaich.

    "Tha sinn air ar dòigh an taic seo fhaighinn," thuirt cathraiche Sgioba Chàrlabhaigh, Calum 'Cobby' MacLeòid.

    "Bidh e glè mhath dha na sgiobaidhean againn aig gach aois - nam measg an sgioba ùr againn do dhaoine thairis air 40 - agus 's e àite sàbhailte a bhios ann dhan fheadhainn òga a tha a' tighinn dha na geamaichean againn 'son ball-coise a chluich."

    Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad air an dòigh taic a chur ri àite ùr treànaidh, is gu bheil goireasan mar seo cudromach do shlàinte an t-sluaigh anns na h-eileanan.

  6. Srath Chura-Dùn Omhain is Caol-Gleann a' dol còmhlaair fhoillseachadh aig 09:04 GMT 13 Am Faoilleach

    Geama roimhe eadar Caol-Gleann is Srath ChuraTùs an deilbh, Srath Chura-Dùn Omhain/Caol-Gleann

    Tha crathadh a' tighinn air iomain ann an Comhghall ann an Earra-Ghàidheal agus Srath Chura-Dùn Omhain gu bhith a' cluich mar an dàrna sgioba aig Caol-Gleann.

    Chaidh Srath Chura còmhla ri Dùn Omhain ann an 2022 is duilgheadasan air a bhith aig an dà chluba anns na bliadhnaichean ron sin sgioba a chur air a' phàirc gu cunbhalach.

    Ged a tha iad air a bhith a' farpais bhon uairsin, rinn an cluba tagradh ùr an-uiridh 'son taice is iad ag ràdh gun robh tàire aca cluicheadairean gu leòr fhaighinn.

    Tha Caol-Gleann faisg air làimh air adhartas iongnatach a dhèanamh anns na seusanan mu dheireadh is iad am-bliadhna gus cluich sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad turas nan eachdraidh.

    'S iad ge-tà, an aon sgioba aig an ìre sin aig nach robh dàrna sgioba.

    Fon aonta ùr cluichidh Srath Chura-Dùn Omhain fon ainm sin fhèin agus air an dà phàirc anns gach baile mar a bha, ach 's e an dàrna sgioba aig Caol-Gleann a bhios annta.

    Tha dùil gum faigh iad buannachd bho chluicheadairean òga à Caol-Gleann is feadhainn a tha air iomall na sgioba, is bho thaobh Caol-Gleann fhèin gur e dòigh a th' ann geamaichean fhaighinn gu cunbhalach 'son nan cluicheadairean sin.

    Thuirt Srath Chura-Dùn Omhain gun tàinig an co-dhùnadh às dèidh chòmhraidhean eadar cluicheadairean bho gach cluba agus le Comann na Camanachd.

    "Bheir seo cothrom dha na clubaichean adhartas a dhèanamh air is far na pàirce, agus nas cudromaiche buileach bidh slighe ann do chluicheadairean òga ann an Comhghall gus ìre cho àrd 's a ghabhas a ruighinn," thuirt Srath Chura-Dùn Omhain.

    "Dhuinn fhìn cuideachd bheir e dhuinn àireamhan cinnteach 'son an t-seusain ri tighinn, rud a tha cho cudromach às dèidh nan duilgheadasan a bh' againn am-bliadhna".

    Thuirt Caol-Gleann cuideachd gun neartaich an gluasad suidheachadh gach cluba, is thog iad cuideachd air slighe do chluicheadairean òga san sgìre.

    Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.

  7. Kerry air an Strathpuffer a bhuannachadh a-rithistair fhoillseachadh aig 09:08 GMT 12 Am Faoilleach

    Kerry Nic a' PhìTùs an deilbh, Maree NicNeacail

    Bha deireadh-seachdain air leth aig an rothaiche Kerry Nic a' Phì is i a' cumail grèim air tiotal an Strathpuffer.

    Bha Kerry, à Uibhist a Deas, air an fharpais a bhuannachadh 'son a' chiad turas ann an 2025.

    Tha an crùn aice a-rithist is i air tighinn am bàrr san t-sneachda agus sa pholl san dùbhlan 24 uairean a thìde.

    Rinn i an t-slighe 12.5k 17 tursan uile gu lèir ann am àm 22:50:55.

    San dàrna àite bha Kirsty Watson, a rinn an cùrsa 16 tursan ann an 23:42:13.

    Ann am farpais nam fear 's e Kyle Beattie a rinn an gnothach le 21 turas ann an 24:28:02.

  8. Cò tha a' dol a bhuannachadh Prìomh Lìog na h-Alba?air fhoillseachadh aig 08:54 GMT 8 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ann an Spòrscast tha Alasdair MacIllinnein is Pòl Diùc a' beachdachadh air na tha a' tachairt ann am Prìomh Lìog nam fear ann an Alba air an t-seusan seo agus tha beagan fàidheadaireachd a' dol air adhart cuideachd - an dùil am bi Pòl ceart?

    Gheibh sibh an còmhradh air fad air Spòrscast an seo.

  9. Partaig an aghaidh ICT dhethair fhoillseachadh aig 12:07 GMT 6 Am Faoilleach

    Firhill san t-sneachdTùs an deilbh, SNS

    Chaidh an geama eadar Partaig is Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba oidhche Mhàirt a chur dheth.

    Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air a' phàirc aig Firhill madainn Dimàirt.

    Thuirt Partaig gun tèid ceann-là ùr 'son a' gheama fhoillseachadh a dh'aithghearr.

  10. Suidheachadh Celtic "cho annasach 's a ghabhas"air fhoillseachadh aig 09:42 GMT 6 Am Faoilleach

    Màrtainn O'NeillTùs an deilbh, SNS

    Tha an treas linn aig Màrtainn O'Neill aig Celtic air tòiseachadh is an t-Èireannach air tilleadh gu Parkhead gu deireadh an t-seusain.

    Ghluais Celtic gu luath gus O'Neill a thoirt air ais mar mhanaidsear eadar-amail oidhche Luain às dèidh dhaibh Wilfried Nancy a chur às a dhreuchd.

    Cha robh Nancy anns an obair ach 33 làithean.

    Dh'fhàg cuideachd Pòl Tisdale a dhreuchd mar stiùiriche a' bhuill-choise.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Ruairidh MacCarmaig, a tha a' cur taic ri Celtic, gun robh an dòigh anns an do làimhsich an cluba an gnothach air fad "cho annasach 's a ghabhas".

    "Tha aineolas a' dol air cùl ghnothaichean an-dràsta aig Celtic," thuirt Ruairidh.

    "Chan eil fios aca dè dha-rìribh a tha iad ag iarraidh no càite bheil iad mar sgioba.

    "An rud a tha cudromach an seo cuideachd gu bheil Pòl Tisdale a' falbh. Tha ceistean mòra agam carson a thàinig esan a-steach sa chiad dol a-mach agus na co-dhùnaidhean a rinn e."

    Tha Ruairidh cuideachd den bheachd gur e ceum ciallach a th' ann O'Neill a thoirt air ais feuch gnothaichean a shocrachadh.

    Bidh a' chiad gheama aig O'Neill air ais aig an stiùir aig Parkhead an aghaidh Dundee United Disathairne.

  11. Obar Dheathain a' sireadh mhanaidseir ùirair fhoillseachadh aig 14:56 GMT 5 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Obar Dheathain a' lorg mhanaidseir ùir agus linn Jimmy Thelin aig an stiùir seachad.

    Co-dhùnadh air an robh feum am beachd Iain MhicDhiarmaid, a tha a' cur taic ri na Dons.

  12. Kettlewell air ais gu County airson an cumail suasair fhoillseachadh aig 11:36 GMT 31 An Dùbhlachd 2025

    Stuart Kettlewell nuair a bha e os cionn County roimhe.Tùs an deilbh, SNS

    Tha Stuart Kettlewell air tilleadh gu Ross County mar mhanaidsear - ach air cùmhnant goirid rè ùine a-mhàin agus le uallach an sgioba a chumail san Championship.

    Chaidh Mgr Kettlewell, 41, a chur às a dhreuchd mar mhanaidsear Chill Mheàrnaig bho chionn cola-deug.

    Bha e os cionn sgioba Chounty airson dà bhliadhna gu 2020.

    Tha e a' gabhail àite Tony Docherty, a chuireadh às a dhreuchd an dèidh ceithir mìosan aig an stiùir aig County is iad aig bonn na lìge.

    Thuirt Kettlewell, a bha 12 bliadhna mar chluicheadair agus coidse leotha: "Tha sinn ann an staing agus nuair a chaidh fhaighneachd dhomh cha b' e ruith ach leum."

    "Nì mi gach oidhirp thairis air na beagan mhìosan ri teachd leis an luchd-obrach agus na cluicheadairean an t-àite againn a ghlèidheadh san Championship."

    Còmhla ri Kettlewell ann an Inbhir Pheofharain bidh Stephen Frail a bha na neach-taice aige le Tobar na Màthar agus Cill Mheàrnaig.

    Leig Ketlewell dheth a dhreuchd mar mhanaidear Thobar na Màthar san Fhaoilleach 2025 air sgàth an droch-dhìol a dh'fhuiling e fhèin agus a theaghlach bho chuid den luchd-leantainn.

    Chuir Cill Mheàrnaig às a dhreuchd e an dèidh dìreach seachd mìosan aig an stiùir.

    Thuirt àrd-oifigear Chounty Steven Ferguson: "Bha fios againn gum feumadh sinn cuideigin a ghabhadh ri cùmhnant rè ùine le amas gu math soilleir, a dh'fhaodadh tòiseachadh sa bhad agus aig a bheil eòlas air a' chluba, an cultar agus an lìg.

    "Tha sinn a' sabaid airson an inbhe againn san Championship a ghlèidheadh," thuirt e.

    Bidh am manaidsear eadar-amail, Iain Robasdan, a' fuireach mar bhall den sgioba coidsidh.

  13. Robinson air a dhòigh le dreuchd sgiobair is ag amas air barrachd dhuaiseanair fhoillseachadh aig 16:33 GMT 29 An Dùbhlachd 2025

    Iain Robinson

    Tha Iain Robinson ag ràdh gur e "urram mòr" a th' ann dha a bhith air ainmeachadh mar sgiobair ùr Bhaile Ùr an t-Slèibh is gur e rud a bha e ag iarraidh bhon a bha e na bhalach òg.

    Dhearbh an cluba aig a' choinneimh bhliadhnail aca nas tràithe air a' mhìos seo gum biodh an sgioba choidsidh aca a' fuireach mar a bha le Peadar Ros mar mhanaidsear, ach gum biodh Robinson a' dol an àite Craig Ritchie mar sgiobair.

    Bidh am Baile Ùr ag atharrachadh an sgiobair aca a h-uile bliadhna.

    A' bruidhinn ris an Strathspey is Badenoch Herald, taobh a-muigh, thuirt Ros nach eil duine eile cho freagarrach ri Robinson is gu bheil e fìor mhath air cluicheadairean òga a bhrosnachadh, a thuilleadh air a bhith na shàr-chluicheadair e fhèin.

    "Tha e cho cudromach a bhith a' sealltainn ceannas air a' phàirc is tha mi air a bhith a' feuchainn ri sin a dhèanamh 'son ùine a-nise", thuirt Robinson fhèin.

    "Tha tòrr cheannardan san sgioba againn is tha sin na chuideachadh mòr.

    "Bha 2025 math dhuinn ach tha mi a' smaointinn gur e an dùbhlan a th' ann a-nise a dhol ceum eile is a bhith ag amas air a h-uile duais nuair a thig deireadh seusain 2026".

    Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd am-bliadhna is bha iad san dàrna àite sa Phrìomh Lìog.

  14. An rothaiche Albannach Oscar Onley a' dol gu sgioba Ineosair fhoillseachadh aig 10:37 GMT 24 An Dùbhlachd 2025

    Oscar Onley aig an Tour of Britain ann an 2024
    Fo-thiotal an deilbh,

    Oscar Onley aig an Tour of Britain ann an 2024

    Tha an rothaiche Albannach, Oscar Onley, a' dol a ghluasad gu sgioba Ineos Grenadiers, a' tòiseachadh ann an seusan 2026.

    Bidh Onley, às na Crìochan, a' fàgail Picnic PostNL a tha stèidhichte san Òlaind.

    Thàinig Onley gu aire an t-sluaigh nuair a chrìochnaich e san 4mh àite aig an Tour de France am-bliadhna, agus b' esan an rothaiche as b' òige anns a' phrìomh deich a chrìochnaich an rèis as motha ann an saoghal na rothaireachd.

    Thuirt Onley: "Dh'fhàs mise suas a' coimhead Geraint (Thomas), Dave (Brailsford) agus an sgioba aig an ìre as àirde san spòrs agus tharraing iad aire gu rothaireachd anns an Rìoghachd Aonaichte, mar sin tha mi air leth moiteil a bhith nam ball aig na Grenadiers air aonta fada."

    "Tha e cuideachd a' ciallachadh gum bi mi a' farpais ann an sgioba Breatannach nuair a thòiseachas an Tour de France ann an Alba ann an 2027", thuirt e.

    Thug Onley taing dhan t-seann sgioba aige, Picnic PostNL, airson taic a chumail ris agus thuirt e gum bi ionndrainn mòr air na caraidean aige agus air an sgioba, agus gun robh e moiteil às na rinn iad còmhla.

    Rinn Geraint Thomas, a chaidh fhastadh mar Stiùiriche Rèisean aig Ineos Grendiers san t-Samhain, moladh mòr air Onley.

    "Tha mar a rinn Oscar ann an 2025 air a bhith sònraichte math.

    "Tha an dòigh anns a bheil a' farpais air a' bhaidhg aige agus an tuigse a tha aige air an rèis fada seachad air an aois aig a bheil e, 's e farpaisiche dha-rìribh a th' ann", thuirt Thomas a bhuannaich an Tour de France ann an 2018.

  15. Liam Dòmhnallach manaidsear ùr Chill Mhàilidhair fhoillseachadh aig 12:10 GMT 22 An Dùbhlachd 2025

    Chaidh fear de sheann laoich cluba iomain Chill Mhàilidh, Liam Dòmhnallach, ainmeachadh mar mhanaidsear ùr na sgioba.

    Tha Dòmhnallach a' gabhail àite Mark Mhic a' Phearsain, a sheas sìos aig deireadh an t-seusain a chaidh.

    Thog e Cupa a' Bhaile Mhòir dà thuras le Cill Mhàilidh.

    Bhuannaich iad 6-0 sa chuairt-dheireannaich an aghaidh Chabar Fèidh ann an 2016 agus rinn iad a' chùis air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheil 3-2 ann an 2018.

    Fhuair Dòmhnallach cuideachd ceithir ceapan eadar-nàiseanta do dh'Alba.

    Bidh seann fear-glèidhidh na sgioba, Shane MacIllÌosa, na leas-mhanaidsear còmhla ris.

    Chrìochnaich Cill Mhàilidh san t-siathamh àite anns an Lìog Nàiseanta air an t-seusan a chaidh.

  16. "County a' gluasad aig astar a dh'ionnsaigh tuiteam gu Lìog a h-Aon"air fhoillseachadh aig 11:03 GMT 22 An Dùbhlachd 2025

    Iain Robasdan le ghàirdean croiste aig oir na pàirce a' coimhead mì-thoilichteTùs an deilbh, SNS

    Chan ann a' gluasad gu slaodach ach aig 100msu a tha Ross County a dh'ionnsaigh tuiteam a-mach às an Championship, a' rèir a' mhanaidseir eadar-amail, Iain Robasdan.

    Chaill County air an deireadh-sheachdain 2-0 ri Obar Bhrothaig, gam fàgail fhathast aig bonn na lìge, còig puingean air cùlaibh an Àird Ruigh a th'anns an naoidheamh àite.

    A' bruidhinn ri meadhanan a' chluba às dèidh a' gheama thuirt Robasdan gun robh na cluicheadairean a' dèanamh an dearbh rud is a bha iad fo Don Cowie agus Tony Docherty, is gum feum piseach tighinn orra san aithghearrachd.

    Chan eil County ach air aon phuing a thogail a-mach às na sia geamaichean mu dheireadh aca.

    Bidh dùbhlan romhpa san ath-gheama cuideachd, is iad a' cur fàilte air St Johnstone, a th' aig bàrr na lìge, Disathairne.

    Cha robh deireadh-seachdain ro mhath aig Caley Thistle Inbhir Nis nas motha is iad a' call 1-0 air falbh bhon taigh an aghaidh Stenhousemuir.

    Tha iad fhathast aig bàrr Lìog a h-Aon ge-tà, ged a tha Stenhousemuir air a' bheàrn a ghiorrachadh gu trì puingean a-niste.

    Tha Caley Thistle a' siubhal a Mhon Rois airson an ath-gheama aca Disathairne.

  17. Megan Keith gus dèanamh air Tallahasseeair fhoillseachadh aig 12:07 GMT 19 An Dùbhlachd 2025

    Megan KeithTùs an deilbh, PA

    Chaidh Megan Keith à Inbhir Nis ainmeachadh ann an Sgioba Bhreatainn is Èireann a Tuath 'son Farpaisean Ruith Thar-dùthcha na Cruinne tràth sa Bhliadhna Ùir.

    Bidh na farpaisean ann an Tallahassee ann am Florida air an 10mh den Fhaoilleach.

    Tha seo a' tighinn dìreach làithean às dèidh do Keith bonn airgid a bhuannachadh aig Farpais Euro Cross sa Phortagail.

    Còmhla ri Megan ann an sgioba nam ban 'son Tallahassee tha Phoebe Anderson, Verity Ockenden is Poppy Tank.

    Tha bliadhna mhòr ro Mhegan Keith ann an 2026 is i roimhe air a h-ainmeachadh ann an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheis as t-samhradh.

  18. Spòrscast – Dè an tadhal as fheàrr a fhuair cluicheadair Albannach airson na sgioba nàiseanta?air fhoillseachadh aig 14:53 GMT 18 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan a' bruidhinn ri DK Mac a' Phì mu na tadhail as fheàrr a chunnaic e riamh bho chluicheadairean na h-Alba agus mu na cothroman a th' aig sgioba Steve Clark aig Cupa na Cruinne 2026.

    Èist ris a' chòmhradh air fad agus beachd cuid eile mu na tadhail as fheàrr leotha air BBC Sounds.

  19. Raghnall aig an stiùir an Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 09:56 GMT 17 An Dùbhlachd 2025

    Raghnall RosTùs an deilbh, SNS

    'S e Raghnall Ros manaidsear ùr Chinn a' Ghiùthsaich.

    Chuala coinneamh bhliadhnail a' chluba gu bheil Iain 'Corky' Borthwick a' seasamh air ais às dèidh trì bliadhna aig an stiùir.

    Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 10 de na 12 prìomh dhuaisean a bh' ann fhad 's a bha Borthwick os cionn na sgioba.

    Bha briseadh-dùil ann am-bliadhna nuair a chaill iad 3-2 ris na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

    Bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog às dèidh sin ge-tà, is iad mar-thà air Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh a thogail.

    Thug an cluba taing dha Borthwick is dhearbh iad gur e Raghnall Ros a thèid na àite.

    A' bruidhinn ris a' phàipear naidheachd ionadail an Strathspey Herald, taobh a-muigh, thuirt Borthwick gun robh e bho thùs e 'son fuireach mar mhanaidsear is gun robh e "a chridhe briste" leis mar a thachair gnothaichean.

    Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gun soirbhich an sgioba fo stiùir Raghnaill Rois.

    Tha mòran a' meas Rois - a tha ag obair do Chomann na Camanachd - mar an cluicheadair iomain as fheàrr a bha riamh ann.

    Tha e air coidseadh aig diofar ìrean cuideachd thar nam bliadhnaichean is bha e ùine os cionn sgioba nàiseanta na h-Alba.

    Cuideachd aig an AGM chaidh athair Raghnaill, Iain, ainmeachadh mar cheann-cinnidh Chinn a' Ghiùthsaich is chaidh dearbhadh gur e John Gibson a bhios os cionn na dàrna sgioba.

  20. ICT a' frasadh a-steach nan tadhal an Dùn Breatannair fhoillseachadh aig 08:59 GMT 17 An Dùbhlachd 2025

    Bha oidhche air leth aig Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba is iad a' dèanamh a' ghnothaich 9-0 air Dùn Breatann.

    'S e seo a' bhuaidh as motha a bha riamh aig a' chluba, a dh'aindeoin gun robh iad air an sgioba atharrachadh 'son a' gheama.

    Rinn Dùn Breatann fhèin sreath de dh'atharrachaidhean ro-làimh is cuid bhon sgioba-òigridh am measg na thàinig a-steach.

    'S e bogadh gu math cruaidh a fhuair na balaich sin is Alfie Bavidge a' cur ICT air thoiseach às dèidh dìreach ceithir mionaidean.

    Mus tàinig lethach-slighe bha Bavidge fhèin air trì tadhail eile fhaighinn is Calum MacLeòid, Billy MacAoidh is Luis Longstaff cuideachd air an targaid.

    Cha robh Inbhir Nis buileach cho cruaidh air Mic na Creige san dàrna leth is dìreach dà thadhal eile a' tighinn bho Ross Millen is MacAoidh a-rithist.

    "Bha sinn air leth sa chiad leth gu sònraichte", thuirt MacAoidh, a tha cuideachd na leas-mhanaidsear aig ICT.

    "Sheall balaich a thàinig a-steach dhan sgioba againn gu bheil iad 'son cluich a h-uile seachdain is tha sinn air ar dòigh a bhith san ath-chuairt".

    Bidh Inbhir Nis a' tilleadh gu geama lìge Disathairne is iad gu bhith a' tadhal air Stenhousemuir.

  21. Para-lùth-chleasaiche na Bliadhna dha Fin Greumachair fhoillseachadh aig 15:13 GMT 16 An Dùbhlachd 2025

    Fin GreumachTùs an deilbh, JEFF HOLMES
    Fo-thiotal an deilbh,

    Choisinn an Greumach a cheathramh tiotal eadar-nàiseanta am-bliadhna

    Chaidh duais Para-lùth-chleasaiche na Bliadhna a bhuileachadh air an rothaiche Fin Greumach à Srath Pheofhair aig Duaisean Spòrs na h-Alba.

    Tha an duais a' tighinn aig deireadh bliadhna iongantaich dhan Ghreumach, 26, san do ghlèidh e a cheathramh tiotail Cruinne sreath a chèile ann an rèis rathaid C3 sa Bheilg.

    Tha e a-niste air ochd tiotalan eadar-nàiseanta a bhuannachadh ann an ceithir bliadhna.

    Choisinn e bonn òir agus bonn airgid an-uiridh aig na Geamannan Paralimpigeach anns an Fhraing, agus chaidh urram MBE a bhuileachadh air ann an liosta urraman an Rìgh aig àm na Bliadhna Ùire.

    An dèidh sin chaidh fàilte mhòr a thoirt dha nuair a thill e dhan Ghàidhealtachd 's a thadhail e air an t-seann sgoil aige, Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

  22. Sole a' fuireach aig ICT gu deireadh an t-seusainair fhoillseachadh aig 10:13 GMT 16 An Dùbhlachd 2025

    Cluicheadair Caley Thistle Inbhir Nis Liam Sole Tùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gun deach an t-aonta iasaid airson Liam Sole a leudachadh gu deireadh an t-seusain.

    Thàinig Sole a dh'Inbhir Nis bho Bhaile Dhùn Lèibhe air iasad chun an Fhaoillich sa chiad dol a-mach.

    Tha e air còig tadhail fhaighinn ann an 26 geama agus e air a bhith na chluicheadair cudromach don sgioba a tha an-dràsta aig bàrr Lìog a h-Aon.

    Tha Inbhir Nis a-nis ga chumail airson grunn mhìosan eile is iad ag amas air sreap air ais dhan Championship.

    A' bruidhinn ri meadhanan a' chluba, thuirt Sole: "Tha mi cho toilichte, 's fhìor thoil leam e an seo, tha mi ann an àite math.

    "Tha mi toilichte gun d' fhuair sinn air an t-aonta a leudachadh agus 's urrainn dhomh a-niste fòcas a chumail air cùisean air a' phàirc."

Trending Now