Seann togalach prìosain air a leagail aig Caisteal Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir Nis

Chaidh seann togalach a bha roimhe air a chleachdadh mar phrìosan a leagail mar phàirt de dh'obair leasachaidh aig Caisteal Inbhir Nis.

Tha Seirbheis Cùirt na h-Alba a' gluasad gu làrach ùr agus thathas a' leasachadh a' chaisteil mar làrach thurasachd.

Air fhalach

Tha an obair leagail air doras agus dà uinneag a thoirt am follais aig cùl an tùir air taobh a deas a' chaisteil, a bha air fhalach airson nan deicheadan bhliadhnachan.

Tha an obair leasachaidh a' leantainn le taic-airgid £15m bho Riaghaltas na h-Alba agus £3m bho riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, mar phàirt de dh'aonta baile Inbhir Nis.

Tha am pròiseact ag amas air a bhith mar aon dhe na prìomh làraich airson luchd-turais anns a' Ghàidhealtachd.

Trending Now