
Tha ceannardan eileanach bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte air thighinn còmhla ann an Arcaibh airson Fòram nan Eilean - a' chiad turas riamh airson na coinneimh.
'S e fear de mhinistearan a' Chaibineit, Nadhim Zahawi, a bhios sa chathair.
Am measg na bhios an làthair bidh riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar is Comhairle na Gàidhealtachd, le feadhainn à Earra-Ghàidheal air ceangal air-loidhne.
Còmhla riutha, bidh ceannardan bho eileanan eile air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Thathas an dòchas gun toir am fòram cothroman do dh'eileanan obrachadh còmhla.
Am measg na thèid a dheasbad bidh cosgaisean cumhachd agus còmhdhail.
Cothrom
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil iad airson gum faigh eileanan cothrom na fèinne air taic-airgid, is gur e cothrom a tha seo ceistean cudromach a thogail is a dheasbad.
"'S e na cuspairean as motha a tha a' buntainn ri na h-eileanan agus a bhios gu mòr ann am follais aig an fhòram a tha seo 's e cumhachd ath-nuadhachail, bànn-leathainn agus crìonadh-sluaigh.
"Tha na h-eileanan a' fulang gu mòr le crìonadh-sluaigh", thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar , Coinneach MacLeòid.
"Tha na h-aon thrioblaidean aig a h-uile eilean a th' ann ge bith càite am bi iad, ann an Alba no ann an Sasainn no anns a' Chuimrigh.
"Tha trioblaidean anns na h-eileanan nach eil ann an àiteachan eile.
"Bidh sinn a' coimhead airson buannachd agus airson co-dhùnaidhean tighinn às agus gum bi 's dòcha seo a' tachairt nas trice ma tha rudan gu bhith a' tighinn às aig a' cheann thall," thuirt Mgr MacLeòid.