Ìmpidh às ùr air Eileanaich meatairean dealain atharrachadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh ìmpidh às ùr a chur air na ceudan de dachaighean sna h-Eileanan Siar a tha fhathast le seann mheatairean dealain RTS an atharrachadh gu Smart Meter.
Bha dùil gun deadh a h-uile seann mheatar san dùthaich a chur dheth air an 30mh là den Ògmhios, ach chaidh dàil a chur air sin, 's am pròiseas a-niste ga dhèanamh a rèir sgìrean, 'son ùine a bharrachd a thoirt do dhaoine na meatairean aca atharrachadh.
'S e na h-Eileanan Siar aon de na sgìrean mu dheireadh a tha gan atharrachadh.
Tha a' bhuidheann Tighean Innse Gall (TIG) am measg na tha a' tabhainn taic do dhaoine san sgìre.
Thuirt Ciorstaidh NicLeòid, a tha na neach-comhairlichidh connaidh aig TIG, gu bheil 800 dachaigh anns an h-Eileanan feumach air meatair ùr.
"Anns na h-Eileanan 's e siognail a th' air a bhith na dhuilgheadas mòr, tha aìteachan is chan eil siognail ann.
"Feadhainn de na h-aìteachan tha aon taigh le siognail is an taigh an ath-dhoras, chan eil siognail ann.
Ofgem "na nàmhaid" do Chomhairle nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh30 An Giblean 2025
Ofgem gan dìon fhèin
- Air fhoillseachadh2 An Cèitean 2025
"Tha iad a' coimhead air rudan eile a-nise, tha iad a' tòiseachadh air diofar rudan gus siognail nas fheàrr fhaighinn gu taighean is an ath-bhliadhna tha iad a' coimhead ri barrachd rudan mar sin a dhèanamh".
Mhìnich a' Bh-Ph NicLeòid mar a tha cuideachadh ri fhaighinn bho TIG fhèin, taobh a-muigh.
"Faodaidh duine tighinn gu Tighean Innse Gall is bidh sinn a' cuideachadh. Chì sinn de seòrsa meatair a th' aca is am feum iad atharrachadh.
"An uairsin obraichidh sinn leis a' chompanaidh dhealain aca is am faigh sinn air àm a chur air dòigh atharrachadh a dhèanamh,
Tha taic ann do dhaoine cuideachd bho Sheirbheis Comhairleachaidh a' Phobaill, taobh a-muigh.
Tha dùil gun tèid an t-seirbheis RTS, a th' air a bhith ann bho na 1980an, a chur dheth buileach uaireigin an ath-bhliadhna.