Co-chomhairle air casg-astair 20msu maireannach

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air co-chomhairle reachdail a chur air bhonn airson casg-astair 20msu maireannach a stèidheachadh ann an 125 àiteachan.
Thòisich sgeama san Iuchair 2024 airson casg-astair eadar-amail a chur an gnìomh anns na h-àiteachan sin air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.
Chaidh a' Ghàidhealtachd a thaghadh mar aon sgìre 'son sgeama paidhleit Riaghaltas na h-Alba, mar phàirt den aonta riaghlaidh a bh' aca leis a' Phàrtaidh Uaine, 's iad ag amas air cuid de chasgan-astair 30msu ìsleachadh gu 20msu air adhbharan sàbhailteachd.
Agus tha Còmhdhail Alba air an Òrdugh Smachdachaidh Trafaig (TRO) eadar-amail a leudachadh 'son sia mìosan eile, a' ciallachadh gun lean an casg-astair 20msu suas chun an Iuchair am-bliadhna.
Mairidh a' cho-chomhairle còig seachdainnean.
Sàbhailteachd, slàinte is an àrainneachd
Thuirt Cathraiche Chomataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair, an Comh. Ken Gowans, gu bheil an t-ùghdarras ionadail ag amas air sràidean a dhèanamh nas sàbhailte agus airson còmhdhail sheasmhach a bhrosnachadh a bhios na buannachd do shlàinte an t-sluaigh agus don àrainneachd.
"Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil lùghdachadh air an astar air na rathaidean far a bheil daoine a' fuireach, ag obair agus a' cluiche a' fàgail nan sràidean nas sàbhailte dhan a h-uile duine, a' cumail taic agus a' brosnachadh còmhdhail seasmhach, agus a' lùghdachadh thubaistean agus an cron a thog nan cois.
"Tha a' cho-chomhairle fhoirmeil seo a' toirt cothruim dhan phoball beachdan a thoirt seachad air casg-astair 20msu a chaidh a chur an gnìomh anns na coimhearsnachdan aca", thuirt e.
Thèid aithisg air a' chùis a chur gu Comataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair sa Chèitean am-bliadhna.
Tha an sgeama air fad, a' gabhail a-steach sgrùdaidhean astair, obair-measaidh agus ullachadh 'son casgan-astair maireannach a stèidheachadh, air a mhaoineachadh le Còmhdhail Alba.
Faodaidh daoine beachdan a chur don chomhairle ann am post-d, le a bhith a' fònadh thuca air 01349 886601, no litir a chur chun na Prìomh Oifis aca ann an Inbhir Nis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Dùbhlachd 2023
