"Chan eil nàire sam bith orm aideachadh gu bheil tòrr iomagain orm"

- Air fhoillseachadh
Tha an craoladair Anne NicAilpein air bruidhinn gu poblach airson a' chiad uair mu chùis a thug buaidh mhòr oirre agus a dh'fhàg fear nach b' aithne dhi a bhith air a dhìteadh air casaidean stalcaireachd.
"Tha mi a' faireachdainn tòrr a bharrachd iomagain agus eagail na bh' orm ron seo," thuirt i.
Thòisich iomairt Raibeart Green, 71, à Hillead ann an Glaschu, le bhith a' cur litrichean le dùrachdan gaoil gu Anne aig a' BhBC ann an Glaschu.
Ge-tà, 's ann nuair a nochd e taobh a-muigh a dachaigh a chaidh Anne dha na poilis.
Chaidh binn air Green Diluain nuair a nochd e an Cuirt an t-Siorraim an Glaschu.
Fhuair e òrdugh obair sa choimhearnsachd gun phàigheadh fad dà bhliadhna seach a dhol dhan phrìosan. Chaidh cuideachd casg fad-bheatha air bho bhith a' conaltradh ri Ms NicAlpein neo a dhol faisg oirre.
Tha Anne ag ràdh gun do dh'fhàg na thachair eadar an dol a-mach bagairteach a dh'fhuiling i agus a' chùis-lagha fhèin làrach nach beag oirre agus gun toir e greis faighinn seachad air.
Chuir i roimhpe an sgeulachd aice innse 's i an dòchas gun cuidich na dh'fhiosraich i daoine eile san aon suideachadh.

Bidh Anne a' preasantadh phrògraman naidheachdan sa Ghàidhlig is sa Bheurla
Ann an 2021 thòisich Anne a' faighinn suas ri ceithir litrichean is cairtean san t-seachdain ann an seòmar-naidheachd a' BhBC ann am Pacific Quay.
Bhiodh an t-ùghdar a' bruidhinn air an aodach a bhiodh oirre air an telebhisean agus ag innse dhi gun robh gaol aige oirre.
Bha làn chreidsinn aige gun robh i fhèin a' cur theachdaireachdan thuige-san leis an dòigh 's a bha i a' gluasad nuair a bha i a' leughadh nan naidheachdan.
Bhiodh e cuideachd a' cur thuice tiodhlacan mar CDs agus seudraidh.
"Tha mi a' smaoineachadh air a-nis ann an dòigh eadar-dhealaichte ach aig an àm cha do shaoil mi càil dheth.
"Bidh rudan, cairtean is eile a' tighinn an-dràsta 's a-rithist," mhìnich Anne.
Bhiodh an duine cuideachd a' fònadh dhan BhBC agus a' feuchainn ri faighinn troimhe dhan oifis aice agus an àireamh fòn aice fhaighinn.
Dh'atharraich an seòrsa cainnt a bh' anns na litrichean nuair a thug i seachad gealladh pòsaidh agus bha fàinne oirre.
"Bha an duine a' bruidhinn air cho brònach 's a bha e leis nach robh fios aige gun robh cuideigin sònraichte nam bheatha," thuirt Anne.
Thuirt e nach cuireadh e stuth thuice agus nach fhònadh e tuilleadh.

Anne ag aithris à Canada air BBC ALBA
Bha beàrn dà bhliadhna ann gus an do thachair an ath rud. Thòisich cuideigin a' tighinn chun an taighe aice.
Nuair a thug co-obraiche dhachaigh i aon oidhche bha fireannach a' seasamh am meadhan an rathaid le baga plastaig agus choisich e a dh'ionnsaigh a' chàir.
Sheas e agus choimhead e ri Anne tron uinneig gun càil a ràdh.
"Cha robh mi a' smaoineachadh gun robh e a' coimhead uabhasach càirdeil," thuirt i.
Dh'iarr i air a caraid an càr a ghlasadh agus rinn iad às. Ged a bha an duine a' coiseachd air falbh nuair a thill iad greis an dèidh sin, chuir Anne fios air na poilis "gun robh cuideigin a' seasamh taobh a-muigh an taighe a' coimhead rudeigin amharasach".
"Cha tainig e a-steach orm gun robh ceangal sam bith ann eadar na litrichean agus an duine a thàinig chun a' chàir leis gur e srainnsear a bh' ann."
Timcheall air dà mhìos às dèidh sin, chaidh Anne "a dhùsgadh le clisgeadh" le cuideigin a' brùthadh air srannair doras an taighe - ga chumail sìos airson mu leth mhionaid - an uairean beaga na maidne nuair a bha an duine aice air falbh.
Nuair a thug i sùil a-mach air an uinneig chunnaic i cuideigin a-rithist a' seasamh am meadhan an rathaid le baga plastaig.
"Chuir e eagal orm, cha robh mi ga aithneachadh."
Tro chòmhraidhean le nàbaidean fhuair i a-mach gun robh cuideigin air a bhith a' bruidhinn riutha-san a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan togalach.
"Chuir mi fios a-rithist air na poilis agus rinn sinn ceangal aig a' cheann thall ris na litrichean agus an duine a bha a' tighinn gun sguir a' feuchainn a-steach air an doras," thuirt i.

Tha Anne aithnichte 'son a cuid obrach air prògraman eile mar Landward
Bha còrr agus còig bliadhna ann eadar a' chiad litir agus a' chùis-lagha san Fhaoilleach.
B' fheudar Anne fianais a thoirt seachad oir bha Raibeart Green a' dol às àicheadh chasaidean stalcaireachd.
B' e faochadh mòr nuair a chaidh a dhìteadh agus gum faodadh i nàdar de loidhne a chur fodha agus feuchainn ri gluasad air adhart.
A' toirt seachad breith na cùirte, thuirt an Siorram Owen Mullan: "Cha robh teagamh orm nach e dol a-mach Mhgr Green ach iomairt stalcaireachd eagallach agus neo-shocair."
Ach tha na dh'fhuiling Anne air làrach fhàgail.
"Chan eil mi airson a ràdh gu bheil e air atharrachadh a thoirt orm ach tha e.
"Chan eil nàire sam bith orm a bhith ag aideachadh gu bheil tòrr iomagain orm.
"Tha tòrr cheistean a' tighinn an lùib suidheachaidh den t-seòrsa. Dè tha iad ag iarraidh? Carson a tha iad ag iarraidh a-steach dhan taigh? Chan eil fhios agam am faigh mi a-mach gu bràth.
"'S e rud gu math eagallach a th' ann, ach cha bu chòir do dhuine sam bith a bhith a' faireachdainn mì-chomhfhurtail neo leis an eagal nan dachaigh fhèin air sgàth 's an seòrsa obair a th' aca.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil obair mhòr air thoiseach orm ann a bhith a' pròiseasadh agus a' dèiligeadh ris."
Guth agus ùrlar
Ged a 's e cùis air leth pearsanta a bh' ann a thug buaidh mhòr air a slàinte-inntinn, tha Anne "a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach bruidhinn mu dheidhinn".
"Tha mi gu math mothachail gu bheil guth agamsa agus gu bheil ùrlar agam agus gu bheil mi a' bruidhinn bho shuidheachadh far a bheil tòrr taice air a bhith agam.
"'S dòcha gu bheil daoine a' dol tro rudan coltach ris an seo agus chan eil an aon seòrsa taice aca.
"Aig a' cheann thall, chaidh mo chreidsinn agus chaidh èisteachd rium agus tha fios agam nach eil a h-uile duine a' faighinn an seòrsa taice 's a tha mi air fhaighinn."
Tha i a' comhairleachadh do dhaoine a tha a' fulang an leithid de bhuaireadh a dhol a bhruidhinn ri cuideigin sa bheil earbsa aca, agus a dhol dha na poilis ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil eucoir co-cheangailte ris a' chùis.
"Ma nì e feum do dhuine sam bith eile a tha a' dèiligeadh ri rudeigin coltach ris an seo bheireadh sin toileachas dhomhsa."
Tha taic ri fhaighinn aig Loidhne-Gnìomha a' BhBC.