Moladh gun tèid taigh Saville a leagail

Allt na Rèigh
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigich-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gum bu chòir taigh ann an Gleann Comhann a bha uair le Jimmy Saville a leagail agus taigh ùr a thogail na àite.

Chaidh milleadh a dhèanamh air Allt na Rèigh grunn thursan bho chaochail Saville ann an 2011, is nuair a thàinig e am bàrr gun robh e mar fhear de na h-eucoirich feise as miosa a bh' ann am Breatainn.

Bha Allt na Rèigh am measg grunn taighean a bh' aige.

Tha an togalach an-diugh ann an droch staid le graffiti air na ballachan is na h-uinneagan briste.

'S ann le teaghlach Harris Aslam, leis a bheil a' chompanaidh Greens Retail Earranta, a tha an làrach a-nise.

Tha iadsan airson an taigh a leagail is taigh ùr a thogail.

Mar phàirt den leasachadh, tha iad ag ràdh gun rachadh urram a dhèanamh air fear eile aig an robh an taigh uaireigin, an sreapadair ainmeil an Dr Hamish MacAonghais nach maireann.

Rachadh togalaichean eile faisg air làimh a sgeadachadh mar àite-còmhnaidh eile air am biodh Hamish House.

Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt dha na planaichean.

Thèid an gnothach air beulaibh chomhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an ath-sheachdain, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now