Teantaichean, sgudail agus salchar: na thog Maoir-dùthcha na Gàidhealtachd an-uiridh

Sgudal air oir an rathaid le biona loma làn sgudailTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Bha aig na Maoir ri dèiligeadh ri sgudal a chaidh fhàgail aig làraichean far am bi mòran luchd-turais a' tadhal

  • Air fhoillseachadh

Tha Maoir-dhùthcha air Ghàidhealtachd ag ràdh gun robh aca ri dèiligeadh ri buaidh mòran a bharrachd de dhol-a-mach mì-shòisealta air a' bhlàr a-muigh as t-samhradh an-uiridh.

Tha iad ag ràdh gun deach barrachd shalchair fhàgail le daoine a bha a' coiseachd no a' campachadh, agus gun robh barrachd theintean neo-shàbhailte gan lorg, a thuilleadh air barrachd sgudail a bhith air fhàgail.

Chaidh bogsaichean cruinneachaidh a thoirt dhaibh airson dèiligeadh ri nithean geur an dèidh mar a chaidh barrachd shnàthadan fhaighinn am measg sgudail aig làraichean far an robh daoine air campachadh.

'S e pàirt den obair a th' aig na Maoir, a tha ag obair às leth Comhairle na Gàidhealtachd, a bhith a' brosnachadh dhaoine a bhith gan giùlain fhèin le cùram air a' bhlàr a-muigh, agus Còd Slighean Dùthchail na h-Alba a leantainn.

SgudalTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Bha aig na Maoir ri sgudal a thogail a bha campairean air fàgail nan dèidh

Thuirt a' Chomhairle gun robh dragh orra le mar nach ann a' lùghdachadh a tha aithrisean de dhol a-mach neo-chùramach aig cuid de na làraichean as motha air am bi daoine a' tadhal.

Choimhead an aithisg as ùire aig na Maoir ri obair nan sgiobannan eadar an t-Ògmhios agus an Dàmhair 2025.

Anns an ùine sin rinn 18 Maoir 1,755 patròl mu phàirtean den Ghàidhealtachd, agus bhruidhinn iad ri còrr air 22,600 duine.

Ged a bha a' mhòr-chuid de na tachartasan sin math, chaidh 269 a chlàradh mar "dona" a rèir na h-aithisg.

"Ged is e àireamh ghlè bheag a tha sin den àireimh iomlain, tha iad mì-chofhurtail, draghail agus 's dòcha maoidheil dha na Maoir a bha an sàs," tha an aithisg ag ràdh.

Chaidh 6,428 cùis a chlàradh far an robh daoine air salchar mhic-an-duine fhàgail nan dèidh, le 1,862 dhuibh sin an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, sa Chòigich agus ann an Asainn, leis an aithisg ag ràdh gur dòcha gur e buille cion taighean-beaga poblach a th' ann.

Chaidh 45 teanta a lorg a bha daoine air fhàgail, leis a' mhòr-chuid dhiubh sin ann an Ros an Iar agus sgìre Loch Nis.

Chaidh 2,100 poca a lìonadh le sgudal - àireamh coltach ris na bh' ann ann am bliadhnaichean roimhe, agus chlàir na Maoir 638 cùisean de dhumpadh sgudail mì-laghail.

Làrach-campachaidh trèigteTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh mòran theantaichean fhàgail le daoine far an robh iad air campachadh

B' ann air taobh sear Loch Abair agus sgìre Loch Nis as motha a bha de chùisean de theintean, sgudal agus teantaichean trèigte. Bha barrachd dheth sin ann an Loch Abar a tuath agus ceann a deas an Eilein Sgitheanaich cuideachd.

Bha mòran a bharrachd chùisean de dh'òtrachas à taighean-beaga ceimigeach a bhith air a dhòrtadh air falbh gu mì-laghail - 207 cùisean an taca ri 126 ann an 2023.

Bha sin gu h-àraid na thrioblaid air taobh siar Rois, Asainn, san Eilean Dubh agus meadhan Rois.

Chaidh 2,681 làrach teine a lorg, 's mhùch Maoir 236 teine neo-shàbhailte, leis an ìre as motha de mhilleadh ga dhèanamh ann an Loch Abar an ear agus taobh Loch Nis.

Bha teintean fiadhaich a loisg sgrìoban mòra mòintich aig Drochaid Chàrr agus Damh-Àth an-uiridh air an fheadhainn a bu mhotha a bha riamh an Alba.

"Tha sinn a' coimhead ri soidhnichean a chur suas far an deach mòran teintean fhaicinn ann an àiteachan a tha air leth trang," thuirt ùghdar na h-aithisg, Philip Waite.

Thuirt an Comh. Ken Gowans, cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair aig Comhairle na Gàidealtachd, gur e "briseadh-dùil" a bh' ann gun robh na bha seo de dhol-a-mach mì-churamach ann.

"Tha an aithisg seo a' cur nar cuimhne cho cudromach 's a tha e fiosrachadh a thoirt do luchd-tadhail mu spèis a thoirt do dh'àrainneachd na Gàidhealtachd agus na coimhearsnachdan a tha a' furieach an seo," thuirt e.

"Eadar a bhith a' clìoradh làraichean campachaidh trèigte, a' togail sgudail, teintean neo-shàbhailte a mhùchadh agus riaghailtean a chur an sàs aig raointean-parcaidh, tha obair làitheil nam Maor a' cuideachadh gus cruth na tìre a dhìon."

Trending Now