Plana còmhdhail ùr do na h-Eileanan

Bàt-aiseigTùs an deilbh, CÒMHDHAIL ALBA
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Còmhdhail Alba plana ùr airson seirbheisean còmhdhail do dh'eileanan na h-Alba.

Am measg na tha sa phlana tha ùrachadh a thoirt air cabhlach ChalMac, agus coimhead ri ceanglaichean stèidhichte do Mhuile, Chaolas na Hearadh agus Chaolas Bharraigh.

Thathas ag amas air aois mheadhanach nan soithichean a tha ri fhaighinn do ChalMac a lùghdachadh gu 15 bliadhna ro 2030.

Bithear cuideachd ag amas air soithichean agus cidhichean a bhith nas coltaiche ri chèile gus an gabh an cur eadar slighean nas fhasa.

"Tha eileanaich air a dhèanamh soilleir dhomh gu bheil dùil aca - 's gu bheil còir dùil a bhith aca - ri seirbheisean còmhdhail a tha a' freagairt air na feumalachdan aca", thuirt Ministear na Còmhdhail, Fiona Hyslop.

"Tha iad ag iarraidh siostam a lìbhrigeas earbsa agus seasmhachd ann an aimsir dhùbhlanaich, ri linn atharrachadh na gnàth-shìde.

"Tha Plana Co-cheangalachd nan Eilean a' cur roimhe coinneachadh ris na feumalachdan còmhdhail a th' aig eileanaich agus luchd-cleachdaidh aiseagan air rubhaichean air tìr-mòr.

"Tha e ag aithneachadh gum feum sinn dèanamh cinnteach gu bheil na h-eileanan againn tarraingeach mar àite-fuirich, tadhail agus gun tàl iad tuilleadh dhaoine.

"Tha am plana a' coimhead ri farsainneachd de chùisean, eadar a bhith a' leasachadh sùbailteachd a' chabhlaich, measadh coileanaidh, lùghdachadh eimiseanan càrboin agus a' dèanamh chùmhnantan san àm ri teachd sùbailte mu choinneimh fheumalachdan na coimhearsnachd. Tha e cuideachd a' beachdachadh air itealaich agus ceanglaichean stèidhichte.

"Mar as gnàth, bidh beachdan eileanach agus luchd-ùidh aig cridhe a' phròiseis seo.

"Bidh na h-oifigich agam a' cumail sreath de thachartasan co-chomhairle air feadh an lìonra, agus nìthear co-chomhairle air-loidhne cuideachd a dhèanamh cinnteach gum faighear beachdan bho dhaoine a chleachdas nan ceanglaichean còmhdhail eileanach againn, 's gun cuirear ris an obair iad.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn dèanamh cinnteach gum bi còmhdhail earbsach aig na h-eileanan againn, gum bi e air prìs reusanta agus cothromach ach an cum e taic ri fàs eaconomach agus sluaigh nan coimhearsnachdan.

"Tha am plana seo a' cur roimhe leantainn air adhart bhon t-sia soithichean ùra a tha gan lìbhrigeadh ro 2026."

Trending Now