Sìneadh air ceadan dibhe air Ghàidhealtachd 'son Cupa na Cruinne

- Air fhoillseachadh
Faodaidh taighean-seinnse is bàraichean air Ghàidhealtachd fuireach fosgailte nas fhaide airson geamaichean na h-Alba ann an Cupa na Cruinne a choimhead as t-samhradh.
Dh'aontaich bòrd ceadachd Comhairle na Gàidhealtachd "sìneadh coitcheann" airson cheadan dibhe thairis air an sgìre gu lèir.
Chaidh am moladh a chur air adhart le comhairliche Inbhir Nis Taobh Nis, Jackie Hendry, agus chaidh aontachadh gu h-aona-ghuthach.
Bidh cead aig ionadan-ceadaichte a sheallas spòrs air telebhisean mar phàirt den chead aca fuireach fosgailte airson 30 mionaid an dèidh deireadh a h-uile geama dhearbhte aig Alba, agus geamaichean sam bith eile ma thèid iad air adhart san fharpais.
Na tadhail a chuir Alba gu Cupa na Cruinne
Tha còrr air 530 ionad-ceadaichte ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a sheallas spòrs air telebhisean, a rèir aithisg dhan bhòrd cheadachd.
Chaidh ceistean a thogail mu bhith a' ceadachadh uairean fosglaidh a bharrachd airson a h-uile geama san fharpais, ach thuirt an t-oifigear ceadachd Seonaidh Caimbeul gun robh gnothachasan air innse dhaibh nach robh miann ann airson gheamaichean anns nach robh Alba a' cluich.
Ged nach fheum taighean-seinnse is eile cur airson cead a bhith fosgailte nas fhaide, feumaidh iad foirm a lìonadh a dh'innse dhan na poilis agus dhan chomhairle gu bheil iad gus a dhèanamh.
Chan fhaigh luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd là dheth airson Cupa na Cruinne
- Air fhoillseachadh19 Am Màrt
Chan fhaigh luchd-obrach CnES là dheth a bharrachd 'son Cupa na Cruinne
- Air fhoillseachadh11 An Gearran
Ma dh'iarras gnothachas geamaichean eile san fharpais a shealltainn ge-tà, feumaidh iad cur airson cead fa-leth.
Thèid Cupa na Cruinne 2026 a chumail anns na Stàitean Aonaichte, Canada agus Meagsago, rud a tha a' fàgail gum bi cuid de na geamaichean a' crìochnachadh an dèidh uairean fosgalaidh àbhaisteach ann an Alba.
'S e seo a' chiad turas a fhuair sgioba nam fear aig Alba troimhe gu Cupa na Cruinne bho 1998.