Dùil ri cead airson 46 taigh air an Tairbeart

- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun tèid cead a thoirt do phròiseact airson 46 taigh ùr a thogail air an Tairbeart anns na Hearadh.
Dh' aontaich Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar ris na planaichean Dimàirt, is iad a' moladh sreath de chùmhnantan gus teagamhan a th' aig cuid a lùghdachach cho fad 's a ghabhas.
Tha Taigh-staile na Hearadh am measg an fheadhainn a th' air cur an aghaidh nam planaichean is iadsan den bheachd gu bheil cunnart ann gun tèid truailleadh a-steach do loch faisg air làimh, an loch às a bheil an taigh-staile a' faighinn an uisge airson na tha iad a' dèanamh.
Dh'aontaich oifigearan-dealbhachaidh agus buill den Bhòrd Dealbhachaidh gun robh sin na chunnart, agus bha iad cuideachd ag aithneachadh nan draghan a th' air cuid a tha a' fuireach air Rathad Scott mu bhuaidh na h-obrach-togail.
Tha dùil gum bi fuaim agus duslach nan trioblaid is feum air cuid den chreig air an làraich a thoirt air falbh gus an talamh a dhèanamh freagarrach.
Thuirt iad ge-tà, gun robh buannachdan a' phròiseict cho mòr agus gun gabhadh iad ris a' bhuaidh air an sgìre mu thimcheall anns a' gheàrr-ùine.

Tha dragh air Taigh-staile na Hearadh gun tèid milleadh a dhèanamh air an uisge ann an dà loch beag faisg air an làraich
Tha Buidheann Taigheadais Innse-Gall airson na taighean a thogail ann an dà earrann.
Ma gheibh am plana cead thèid an obair-talmhainn agus 24 taigh a thogail ann an 'Earrann 1' den phròiseact.
Bhiodh an uairsin 22 taigh rin togail ann an 'Earrann 2'.
Tha draghan air a bhith ann fad bhliadhnaichean mu ghainnead thaighean air prìsean reusanta anns na Hearadh, agus tha dùil gum bi am pròiseact seo mar fhreagairt air sin.
Chaidh 12 taigh ùr a thoirt seachad an-uiridh don Bhuidhinn Taigheadais anns an t-Òb agus tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh faisg air crìoch a chur air dà thaigh ùr ann am Meabhag nam Beann, is an t-Urras ag aithneachadh gu bheil trioblaid aig daoine dachannan fhaighinn anns na Hearadh.
Tha ceistean a' leantainn an e aon phròiseact mòr a b' fheàrr, le cuid air moladh gum bi pròiseactan na bu lugha air feadh na Hearadh.
Chaidh am Bòrd Dealbhachaidh leis a' phlana airson leasachadh an Tairbeirt ge-tà.
Leis cho mòr 's a tha am pròiseact, feumaidh an Làn-Chomhairle beachdachadh air a chùis, ach tha dùil gun tèid cead a thoirt dha.

Thèid rathad ùr a thogail chun na làraich bho ri taobh Stèisean nam Maor-cladaich air Rathad Scott.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Ògmhios 2025

- Air fhoillseachadh11 An t-Ògmhios 2025

- Air fhoillseachadh29 An Cèitean 2025
