Taic a' phobaill ga sireadh is na h-ealain sna h-Eileanan Siar "ann an cunnart"

Ceannard An Lanntair, Sean Paul O'Hare
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Ceannard An Lanntair, Sean Paul O'Hare, gu bheil e ag amas air cosnaidhean a ghlèidheadh

  • Air fhoillseachadh

Tha iomagain ann mu na tha an dàn do na h-ealain sna h-Eileanan an Iar agus maoineachadh bho Chomhairle nan Eilean Siar 'son buidhnean leithid An Lanntair gu bhith a' tighinn gu crìch aig deireadh na bliadhna-ionmhais seo sa Ghiblean.

Tha dà bhliadhna ann bho chaidh co-dhùnadh gun an tuilleadh maoineachaidh a thoirt do bhuidhnean ealain, ach tha iad air a bhith a' faighinn airgid bho stòras Oighreachd a' Chrùin san eadar-ama.

Thuirt An Lanntair gu bheil an co-dhùnadh a' dol a dhèanamh cron mhòir air roinn na h-ealain anns na h-Eileanan Siar 's gun cuir e buidhnean ann an cunnart.

"Tha na gearraidhean seo a' toirt buaidh air barrachd is taisbeanaidhean," thuirt a' bhuidheann ann am brath-naidheachd.

"'S ann a tha iad a' toirt buaidh air foghlam, cànan, sunnd, obraichean ionadail, leasachadh eaconomach agus beatha na coimhearsnachd air feadh nan Eilean Siar."

Dh'iarr iad air a' phoball pàirt a ghabhail ann an suirbhidh, taobh a-muigh a' bhuidseit a tha a' Chomhairle a' dèanamh an-dràsta, agus togail air cho cudromach 's a tha taic mhaoineachaidh do na h-ealain agus buidhnean cultarail.

An Lanntair
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 34 duine a' faighinn cosnadh aig An Lanntair

Thuirt ceannard An Lanntair, Sean Paul O'Hare, gu bheil a' bhuidheann a' coimhead ri gearradh air ais air seirbheisean ri linn cion-maoineachaidh.

"Tha 34 cosnaidhean againn an-dràsta, agus 's e ar n-amas na cosnaidhean sin a ghlèidheadh," thuirt e.

"'S ann air obraichean a tha a' bhuile, agus 's e leasachadh eaconomach a tha sin, taic eaconomach a tha sinne a' toirt do bhaile Steòrnabhaigh le 34 cosnaidhean. 'S e fear den luchd-fastaidh as motha a th' annainn sa bhaile.

"Ach tha mise a-niste a' coimhead ri gearraidhean prògraim, agus ri seirbheisean foghlaim - na seirbheisean a bha a' Chomhairle a' toirt seachad roimhe, ach a tha sinne air a bhith a' toirt seachad thar nam bliadhnaichean.

"Chan ann mu na h-ealain a-mhàin a tha seo - 's ann mun bhuaidh air a' choimhearsnachd."

Tha An Lanntair air maoineachadh £1.7m thairis air trì bliadhna fhaighinn o chionn ghoirid bho Alba Chruthachail, ach bha sin a' crochadh air maoineachadh a bharrachd bhon Chomhairle.

Chaidh maoineachadh Alba Chruthachail fhèin a ghearradh gu mòr ann an 2023, rud a tha a' fàgail gu bheil fada nas lugha aig a' bhuidhinn mhaoineachaidh ri thabhainn air buidhnean ealain.

An Lanntair
Fo-thiotal an deilbh,

Tha An Lanntair a-niste a' coimhead ri seirbheisean a ghearradh ri linn cion-maoineachaidh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach robh dol às aca ri linn an t-suidheachaidh anns a bheil iad.

"Gu mì-fhortanach, ri linn 's gun tàinig oirnn co-dhùnaidhean gu math duilich a dhèanamh a thaobh a' bhuidseit, chaidh maoin na Comhairle dha An Lanntair agus buidhnean ealain eile a thoirt air falbh gu tur bho 24/25 air adhart," thuirt iad ann am brath.

"Ag aithneachadh an dùbhlain a dh'adhbharaich seo, cho-dhùin a' Chomhairle maoineachadh bho Oighreachd a' Chrùin a chleachdadh airson taic-ionmhais a chumail ris An Lanntair agus buidhnean eile ann an 24/25, agus cuideachd ann an 25/26.

"Bha seo gus cuideachadh a thoirt dha na buidhnean seo atharrachadh mu choinneimh lùghdachaidh anns an taic a gheibh iad bhon ùghdarras ionadail."

Thuirt iad cuideachd gun robh iad air a bhith a' conaltradh bho thoiseach airson dèanamh cinnteach gun robh na buidhnean mothachail dhan t-suidheachadh, agus gun robh ro-innleachd aca mu choinneimh.

Lean iad orra a ràdh gun robh iad a' togail air cho cudromach 's a tha seirbheisean nam buidhnean ealain ann an còmhraidhean le buidhnean maoineachaidh leithid Alba Chruthachail.

Trending Now