Camarathan-bodhaige aig Ospadal nan Eilean ri linn "àrdachadh ann am fòirneart"

Gòrdan Jamieson agus luchd-obrachTùs an deilbh, NHS nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Gòrdan Jamieson (làimh chlì) gu bheil na camarathan a dhìth 'son dìon a chur air luchd-obrach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh camarathan-bodhaige a thoirt do luchd-obrach èiginneach aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh an dèidh "àrdachadh nach beag" tighinn air na tha de dh'fhòirneart agus maoidheadh ga dhèanamh orrasan agus luchd-tadhail.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad a' feuchainn na h-uidheamachd, agus gun deach glasan dealain cuideachd a chur an sàs air a h-uile doras anns na h-uàrdan ri linn an t-suidheachaidh.

Thuirt bòrd na slàinte gun deadh na glasan sin fhuasgladh nam biodh teine ann.

"Ged a tha sinn fhathast a' fuireach ann an àrainneachd a tha cuimseach sàbhailte, tha e fìor a ràdh gu bheil sinn air àrdachadh fhaicinn anns na tha de thachartasan tèarainteachd, agus fòirneart is maoidheadh air an luchd-obrach againn," thuirt Àrd-Oifigeach NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.

Chaidh fhaighneachd de Riaghaltas na h-Alba co-dhiù tha bùird slàinte eile a' feuchainn chamarathan bodhaige.

Tha an uidheamachd ga cleachdadh aig cuid de dh'ospadalan ann an Sasainn, agus chaidh a feuchainn cuideachd an an Èirinn a Tuath.

Innealan-rabhaidh

Thuirt NHS nan Eilean Siar gum faodadh luchd-tadhail luchd-obrach fhaicinn 's camarathan-bodhaige orra, 's nach bi na h-innealan a' clàradh fuaime is bhideo gun iad a bhith air an cur gu dol.

Cha tèid sin a dhèanamh mura bi buaireadh ann.

Chaidh soidhnichean a chur an-àirde timcheall an ospadail ag innse mu na camarathan.

Thug iad seachad cuideachd 120 inneal-rabhaidh pearsanta do chuid de luchd-obrach, mòran aca a bhios ag obair nan aonar.

Innsidh na h-innealan càite a bheil neach-obrach ma thèid iad ann an duilgheadas, leithid nam biodh tubaist ann.

Tha Poileas Alba a' toirt taic do na ceumannan sàbhailteachd.

"Chan eil duine an dùil a dhol dhan cuid obrach 's gun tèid ionnsaigh a thoirt orra no gum faigh iad droch bheul," thuirt an t-Insp Euan Cowan.

"Tha sinn a' coimhead gun fhulangas sam bith ri eucoirean an aghaidh luchd-obrach èiginnich."

Trending Now