Cùram cabhagach Phort Rìgh ga iarraidh "taobh a-staigh beagan sheachdainnean"

Luchd-iomairt slàinte am Port Rìgh bho chionn beagan sheachdainean.
- Air fhoillseachadh
Feumaidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd cùram cabhagach a stèidheachadh às ùr ann an Ospadal Phort Rìgh taobh a-staigh beagan sheachdainean aig a' char as fhaide, a rèir ball an Eilein Sgitheanaich ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Gheall am bòrd ann an 2018 gun cuireadh iad na molaidhean air fad ann an aithisg Sir Lewis Ritchie mu sheirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois an sàs.
Ged a bha cùram cabhagach là is 's a dh'oidhche ann an Ospadal Phort Rìgh nam measg, cha deach aig a' bhòrd air an t-seirbheis sin a chur an sàs gu cunbhalach is iad ag ràdh gu bheil trioblaidean le luchd-obrach fhastadh na chnap-starra gu sònraichte.
Dh'innis NHS na Gàidhealtachd sa Ghiblean gun tilleadh an t-seirbheis as t-samhradh.
Chaidh cuideam a bharrachd orra às dèidh chùisean èiginneach aig fèis Skye Live is aona bhoireannach ag innse gun robh dorsan Ospadal Phort Rìgh glaiste nuair a bha i ann an èiginn.
Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil is gum bi cùram èiginneach ga stiùireadh à Ospadal an Àth Leathainn.
Ach chuir am bòrd am plana aca 'son cùram cabhagach 24/7 a stèidheachadh a-rithist ann am Port Rìgh gu Riaghaltas na h-Alba Dihaoine.
Tha BPA an Eilein Sgitheanaich, an Leas Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gum feum an t-seirbheis a bhith ann cho luath 's a ghabhas.
"Tha mi air coinneachadh ri Sir Lewis Ritchie, grunn thursan; ri àrd-stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, is ri Rùnaire na Slàinte, is tha sinn uile air an aon ràmh: gum feum na molaidhean a bhith air an cur an sàs cho luath 's a ghabhas.
"Tha mi airson is gun tachair e taobh a-staigh beagan sheachdainnean aig a' char as fhaide. Gu follaiseach chan eil sinn airson a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn aig an àm seo an ath-bhliadhna", thuirt i.