"Feumaidh sinn am banca ann am Baile a' Mhanaich"

Iain MacRuairidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iain MacRuairidh ag ràdh gum feum gnothachasan na sgìre am banca a bhith ann am Baile a' Mhanaich

LeShona NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àUibhist
  • Air fhoillseachadh

Thog fear-gnothachais ann an Uibhist dragh mun naidheachd gun dùin Banca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich as t-samhradh, a' fàgail dìreach aon bhanca ann an Uibhist.

Uile gu lèir tha Buidheann Bancaidh Lloyds, leis a bheil Banca na h-Alba, an dùil faisg air 100 banca a dhùnadh air feadh na Rìoghachd 11 dhiubh ann an Alba.

Dùinidh am banca ann am Baile a' Mhanaich air a' 1mh là den Iuchar.

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gu bheil triùir ag obair ann an-dràsta.

Bho chionn dà bhliadhna, dhùin Banca na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Fàgaidh an naidheachd seo Uibhist le dìreach aon bhanca, Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail nach eil fosgailte ach dà là san t-seachdain.

Tha sin 26 mìle air falbh bho Bhaile a' Mhanaich, agus nas fhaide buileach, 52 mìle, à Beàrnaraigh sa cheann a tuath.

Tha bhana a' bhanca sin cuideachd a' dol air feadh Uibhist dà là san t-seachdain.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn feumach air a' bhanca ann am Beinn na Faoghla," thuirt Iain MacRuairidh, aig a bheil Taigh-Smocaidh Salar.

"Feumaidh sinn e airrson an t-airgead againn a chur a-steach dhan bhanca a h-uile seachdain, 's feumaidh sinn e airson airgead a thoirt a-mach às a' bhanca.

"Feumaidh sinn iomlaid is rudan mar sin cuideachd. Chan eil e furasta sin fhaighinn a-mach à banca mura bheil e fosgailte. 'S dòcha gum feum sinn sin a h-uile là den t-seachdain."

Banca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil triùir ag obair sa bhanca ann am Baile a' Mhanaich aig an àm seo

Thuirt labhraiche às leth Banca na h-Alba gu bheil luchd-cleachdaidh saor dèiligeadh le banca san dòigh as fheàrr leotha fhèin, 's gu bheil barrachd dhòighean ann air sin na riamh roimhe.

A bharrachd air app a' bhanca, thuirt iad, tha Oifis a' Phuist ann, no gum faodar coiseachd a-steach gu meur Bhanca na h-Alba, Halifax no Lloyds, 's gu bheil iad a' toirt saorsa dhaibh banca a chleachdadh ge b' i càite no cuin a tha feum aca air.

Thuirt am banca gun tèid obraichean a thabhainn air an luchd-obrach ann am meuran eile no ann am pàirt eile de Bhuidhinn Bhancaidh Lloyds.

Dh'fhoillsich a' bhuidheann cuideachd gun dùin iad 53 meuran de Bhanca Lloyds, 31 mheur de Bhanca Halifax, eadar an Cèitean agus am Màrt an ath-bhliadhna.

Dùinidh meuran a' bhanca ann am Blàr Ghobhraidh, Ceann Loch Gilp, Stonehaven, Cealsach, Drochaid Dheathain, Port Bhruachaidh, Garrowhill, Haddington, Pennycuik agus an Ruadh-Ghleann san Ògmhios.

"Beachdaich a-rithist"

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gun robh an naidheachd na h-adhbhar dhragh.

"Tha dragh mòr orm mun cho-dhùnadh seo, a tha Banca na h-Alba air a ruighinn a rèir choltais gun ach glè bheag bheachdachaidh air feumalachdan an luchd-cleachdaidh eileanaich," thuirt e.

"Chan urrainn do dh'eileanaich dìreach dràibheadh gu meur eile.

"Tha gainnead siognail fòna, agus astar nas slaodaiche aig a' bhann-leathann ann an Uibhist is Beinn na Faoghla a' fàgail nach eil bancaireachd air-loidhne furasta do mhòran dhachannan is ghnothachasan."

Thuirt Mgr Steele cuideachd gu bheil barrachd den t-sluagh sna h-Eileanan Siar nas sine na 65 na sa chòrr de dh'Alba, agus gu bheil dùnadh bhancaichean a' toirt buaidh nas motha air daoine nas sine, leis gun fheàrr leothasan sa bhitheantas bancaireachd a dhèanamh aghaidh ri aghaidh.

Tha dragh air cuideachd mun bhuaidh air an luchd-obrach sa bhanca, 's gun tig orra na h-eileanan fhàgail airson gabhail ri cothroman obrach ùra a thèid a thabhainn orra le Banca na h-Alba.

"Chuirinn ìmpidh air Banca na h-Alba beachdachadh a-rithist air a' cho-dhùnadh seo, no coimhead ri roghainnean agus compàirteachasan eile gus luchd-obrach a th' ann a ghlèidheadh 's na seirbheisean riatanach seo a chumail sa choimhearsnachd," thuirt e.

"Bidh mi ag iarraidh coinneachadh ri manaidsearachd Bhanca na h-Alba gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn feuch ciamar a chumas sinn na seirbheisean seo san sgìre."

Trending Now