The Mary Wallopers am measg na bhios air prìomh àrd-ùrlar HebCelt 2026

- Air fhoillseachadh
Bidh The Mary Wallopers agus còmhlan-ciùil eile à Èirinn, The Saw Doctors, am measg na bhios a' cluich aig Fèis Cheilteach Innse Gall air an t-samhradh seo.
Choisinn an luchd-ciùil traidiseanta Èirinneach cliù o chionn ghoirid nuair a chaidh iad nan ciad chòmhlan a-riamh a reic a h-uile ticead airson sreath de chonsairtean thairis air còig oidhcheannan aig a' Bharrowland Ballroom an Glaschu.
Mar sin, tha luchd na fèise den bheachd gum faod fèill mhòr a bhith air ticeadan airson na cuirme aca, agus tha iad a' moladh do dhaoine ticeadan a cheannach cho luath 's a ghabhas.
Tha Michelle Shields, ris a bheil bucadh an luchd-ciùil an urra, ag ràdh gu bheil iad "air an dòigh glan gum bi The Mary Wallopers aig HebCelt airson a' chiad uair".
Fèis Cheilteach Innse Gall 2025 a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025
Buannachd £12m às an HebCelt
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach 2025
Am measg nan ceòladairean ionadail a bhios ann bidh Cailean MacLeòid, Mànran, Còmhlan Iain Costello agus Emma Sgalpaigh.
Tha an fhèis a' toirt cothrom do dhaoine aig toiseach an slighe an saoghal a' chiùil, agus am measg na bhios a' nochdadh airson a' chiad uair tha an còmhlan ùr à Leòdhas, Emberline.
Tha Kirsteen Harvey, seinneadair òg a shoirbhich leis an òran aice, Near, Far and Wide, air iTunes, cuideachd gu bhith ann.
Agus bidh cothrom aig luchd-frithealaidh na fèise an ceòl aig a' chlarsair Rachel Groves a chluinntinn. 'S i a chaidh ainmeachadh o chionn ghoirid mar Neach-ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna aig BBC Radio Alba.
Cò eile a tha a' nochdadh aig an fhèis?
- Tùs an deilbh, CAILEAN MACLEÒID

Fo-thiotal an deilbh, Tha an seinneadair Leòdhasach, Cailean MacLeòid, a' nochdadh a-rithist aig fèis HebCelt na bliadhna-sa
1 de 7
Thuirt Michelle Fields: "'S e cruinneachadh de cheòl luath, le freumhan Ceilteach agus traidiseanta gun luaidh air blas Èireannach, bloigh Fhrangach agus beagan à Canada agus gu leòr à Leòdhas cuideachd."
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air a dhol bho bhith na thachartas ionadail de cheòl traidiseanta Albannach is Gàidhlig gu bhith a-nis na treas fèis as motha an Alba.
An-uiridh, chuir i £4.4m ri eaconomaidh nan Eilean Siar, an t-suim as motha on chaidh a cur air dòigh.
Bidh i a' tachairt eadar an 15mh agus an 18mh den Iuchar sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.





