Dh'fhaodadh gun lean athchuinge nan gugaichean gu an dèidh an taghaidh

Luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga aig Holyrood nas tràithe air a' mhìos

  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Buill-Phàrlamaid Albannach gum bu chòir athchuinge ag iarraidh casg air sealg a' ghuga a chumail fosgailte gus am bi deasbad ann am bu chòir a leantainn air adhart chun na h-ath-phàrlamaid.

Chuala Comataidh na Saoranachd agus nan Athchuingean Poblach iarrtas airson a dùnadh leis gun tuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe nach eil iad am beachd atharrachadh a thoirt air an Achd fom bheil an t-sealg ceadaichte mar a bu mhiann leis an luchd-strì.

Bha buill na comataidh a' beachdachadh Diciadain air an athchuinge aig an neach-dhealbh fiadh-bheatha, Rachel Bigsby, aig a bheil a-nis còrr is 85,000 ainm.

Beachdachaidh buill anns na seachdainean ri tighinn air am bu chòir an athchuinge a chumail fosgailte agus a chur dhan ath-sheisean den phàrlamaid.

Tha cead aig sgioba à Nis ann an ceann a tuath Leòdhais àireamh aontaichte de ghugaichean - sùlairean òga - a spadadh ann an Sùlaisgeir, eilean beag tuath air Leòdhas, h-uile foghair 's an reic.

Tha an cleachdadh a' dol air ais linntean agus e air an t-sealg mu dheireadh de a leithid a tha fhathast ga dhèanamh ann am Breatainn.

Tha Sgioba Shùlasgeir air a ràdh roimhe gu bheil e na pàirt chudromach de chultar na sgìre is iad a' dol às àicheadh gu bheil e an-iochdmhor.

Cha deach an t-sealg air adhart eadar 2020 is 2024 air sgàth Covid an toiseach, is an uairsin ri linn mar a tha flù nan eun air buaidh a thoirt air eòin-mhara sna h-Eileanan an Iar.

Cha robh Sgioba Shùlaisgeir air tagradh a chur a-steach gu NàdarAlba airson cead fhaighinn a dhol dhan eilean tro na bliadhnaichean sin, ach chaidh cead iarraidh às ùr ann an 2025.

Air a' cheann thall thug NàdarAlba cead airson suas ri 500 eun a mharbhadh.

"Rinn sinn measadh mionaideach air an tagradh le sùil air suidheachadh nan sùlairean is tha sinn air cead a thoirt seachad airson suas ri 500 eun a mharbhadh.

Sùlairean agus gugaichean ann a Sùlaisgeir

"Tha seo pìos math nas ìsle na bliadhnaichean eile nuair a bha cead ann suas ri 2,000 a mharbhadh.

"Tha an cead ùr seo airson 2025 a' cur dìon air àireamh nan eun agus a' leigeil leotha tilleadh gu ìrean àbhaisteach às dèidh flù nan eun buaidh a thoirt orra," thuirt a' bhuidheann aig an àm.

Às dèidh dhan t-sealg a dhol air adhart bha a h-uile coltas ann gun robh fèill mhòr air na gugaichean nuair a chaidh an reic ann an Nis san t-Sultain.

Bha an caothach air cuid de luchd-iomairt gun robh an t-sealg air tòiseachadh às ùr.

Nam measg tha a' bhuidheann iomairt Protect the Wild, a tha ag ràdh nach eil e a dhìth tuilleadh, 's gu bheil e borb.

Thuirt a' bhuidheann gun d' fhuair rannsachadh a dh'iarr iad gun robh 72% de na daoine a chaidh a cheasnachadh den bheachd nach robh an t-sealg cudromach gu cultarail, le 69% dhiubh ag ràdh gum bu chòir a chasg gu tur.

Thog iad fianais a-rithist taobh a-muigh Holyrood Diciadainn, mar a rinn iad bho chionn ghoirid, fhad 's a bha na buill-phàrlamaid a' beachdachadh air an athchuinge, taobh a-muigh.

Trending Now