Còmhla ris an Ăildear Iain Moireach
Comhla ri Iain Moireach, nach maireann, Ăildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale, Glaschu 2012. Gaelic service conducted by John Murray, Elder in Dowanvale Free Church, Glasgow 2012.
Cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas anns an t-seirbheis seo:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh ann an Taigh-choinneamh LÏonail ann an Nis.
Salm 145: 10-12 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: 1 Samuel 7: 1-13
Ceann-teagaisg: 1 Samuel 7: 7-12.
B' ann do bhaile Shuainboist ann an Nis a bhuineadh Iain Moireach. Chaidh e gu Sgoil Chrois agus Sgoil LÏonail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu. Bha Iain na nurs airson daoine bha a' fulang le tinneas inntinn ann an Ospadal Hawkhead sa bhaile fad deich bliadhna. Chaidh e gu obair gu math eadar-dhealaichte às dèidh sin, far an robh e an sàs ann a bhith reic à rachas 's a' toirt seachad comhairle ionmhais.
Bha Iain pòsta aig Mà iri Anna à Siabost agus bha dithis mhac aca agus ceathrar oghaichean, clann-nighean air fad.
Bha Iain na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu agus uair no dhĂ sa mhĂŹos cuideachd bhiodh e aâ searmonachadh anns an eaglais. Bhiodh e an cois sin aâ cuideachadh le bhith cumail sheirbheisean GĂ idhlig ann an Eaglais na h-Alba air SrĂ id Ghardner Ă s dèidh dhan mhinistear a bhâ aca a dhreuchd a leigeil dheth. Bha Iain mu dheireadh na bhall do dh'Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu.
BhĂ saich e ann an 2019.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 25 Mar 201209:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 25 Mar 201216:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 4 Feb 202421:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 1 Mar 202621:00BBC Radio nan GĂ idheal
