Episode details

Expires today 10:30pm
Cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas anns an t-seirbheis seo: Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Taigh-choinneamh Lìonail ann an Nis. Salm 145: 10-12 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist. Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh. Leughadh: 1 Samuel 7: 1-13 Ceann-teagaisg: 1 Samuel 7: 7-12. B' ann do bhaile Shuainboist ann an Nis a bhuineadh Iain Moireach. Chaidh e gu Sgoil Chrois agus Sgoil Lìonail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu. Bha Iain na nurs airson daoine bha a' fulang le tinneas inntinn ann an Ospadal Hawkhead sa bhaile fad deich bliadhna. Chaidh e gu obair gu math eadar-dhealaichte às dèidh sin, far an robh e an sàs ann a bhith reic àrachas 's a' toirt seachad comhairle ionmhais. Bha Iain pòsta aig Màiri Anna à Siabost agus bha dithis mhac aca agus ceathrar oghaichean, clann-nighean air fad. Bha Iain na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu agus uair no dhà sa mhìos cuideachd bhiodh e a’ searmonachadh anns an eaglais. Bhiodh e an cois sin a’ cuideachadh le bhith cumail sheirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba air Sràid Ghardner às dèidh dhan mhinistear a bh’ aca a dhreuchd a leigeil dheth. Bha Iain mu dheireadh na bhall do dh'Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bhàsaich e ann an 2019.
Programme Website