Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1380
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir Ă ireamh 1380. Roddy Maclean reads this week's letter for GĂ idhlig learners.
Last on
Sun 28 Dec 202522:00
BBC Radio nan GĂ idheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1076
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1380
Duration: 05:05
Litir 1380: BlĂ r a' Mhaoil Ruaidh
Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh Ă ite ann an Alba? Tha cuid ag rĂ dh gun do thachair e ann an sia ceud deug is ochdad (1680) ann an Gallaibh, faisg air Inbhir Ăige. Thug an tachartas sin ainm-Ă ite dhuinn â Allt nam Mèirleach no Altimarlach. Bha aâ chòmhrag eadar Clann na CeĂ rdaich Chèis â the Sinclairs of Keiss â Ă Gallaibh, agus Caimbeulaich Ă Siorrachd Pheairt. SgrĂŹobh mi mu dheidhinn BlĂ r Allt nam Mèirleach ann an Litrichean sia ceud, ceathrad Ęźs a sia (646) agus sia ceud, ceathrad Ęźs a seachd (647).
Ach a bheil e fĂŹor ri rĂ dh gum bâ e sin am batail eadar-cinnidheach mu dheireadh? Tha beachd eile ann. Agus chan eil an t-Ă ite far an do thachair e faisg air Gallaibh no Siorrachd Pheairt.
Bha mi ann an Gleann Ruaidh ann am BrĂ igh Loch Abar as t-fhoghar. Stad mi aig carragh-chuimhne ri taobh an rathaid aig ceann shĂŹos aâ ghlinne. SgrĂŹobhte oirre, ann am Beurla, tha âThe Battle of Mulroy 4th August 1688 ... the last inter-clan battle fought in Scotlandâ. Bha sin ochd bliadhna an dèidh BlĂ r Allt nam Mèirleach.
Canaidh sinn BlĂ r aâ Mhaoil Ruaidh ris ann an GĂ idhlig. Thachair e air leathad beinne ris an canar Am Maol Ruadh. Bha an t-sabaid eadar Clann Ęźic an Tòisich Ă BĂ ideanach agus Dòmhnallaich na Ceapaich Ă BrĂ igh Loch Abar.
Bha Clann Ęźic an Tòisich agus na Dòmhnallaich air a bhith thar a chèile fad Ăšine mhòr. Anns aâ chòigeamh linn deug, chaidh fearann ann am BrĂ igh Loch Abar a thoirt do Chloinn Ęźic an Tòisich. Ach dhiĂšlt na Dòmhnallaich a leigeil seachad. Bha gach taobh aâ togail creach air fearann na feadhnâ eile.
ThĂ inig gnothaichean gu ceann ann an sia ceud deug, ochdad Ęźs a h-ochd (1688). Thug Comhairle DhĂŹomhair na h-Alba â am Privy Council â cead do cheann-cinnidh Clann Ęźic an Tòisich fearann nan Dòmhnallach a ghabhail le fòirneart.
Bha Mac an Tòisich an dòchas taic fhaighinn bho Chlann Ęźic aâ Phearsain agus na Granndaich, ach dhiĂšlt an dĂ chinneadh sin a dhol a chogadh an aghaidh Dòmhnallaich na Ceapaich. A dhâaindeoin sin, bha armailt mhòr aig Mac an Tòisich â mu mhĂŹle duine.
Cha robh ach mu leth dheth sin aig Dòmhnallaich na Ceapaich. Ach bha Dòmhnallaich Ă sgĂŹrean eile air a dhol a Loch Abar airson taic a thoirt do mhuinntir na Ceapaich. Bâ iad sin Dòmhnallaich Ghlinne Garaidh agus Clann Iain Abrach Ă Gleanna Comhann.
Chaidh armailt Ęźic an Tòisich gu ruigâ aâ Cheapach fhèin â aig an Drochaid Ruaidh â ach cha robh sgeul air duine ann. Bha na Dòmhnallaich uile air a dhol gu talamh Ă rd air aâ Mhaol Ruadh. Bha iad ann an suidheachadh fĂ bharach mar sin, agus rinn iad an gnothach air an nĂ mhaid. Air sĂ illibh sin, ghlèidh Dòmhnallaich na Ceapaich am fearann aca ann an Loch Abar.
Ge-tĂ , tha cuid dhen bheachd nach e blĂ r uile-gu-lèir eadar-cinnidheach a bhâ ann ann am BlĂ r aâ Mhaoil Ruaidh, oir air taobh Ęźic an Tòisich bha feachd aig Mac Coinnich Shuidhe. Bha iadsan aâ sabaid Ă s leth Riaghaltas na h-Alba mar âFeachd GĂ idhealach Neo-eisimeileachâ. Bha an Riaghaltas an sĂ s anns aâ chath cuideachd. Agus, cuide ri gu leòr eile, chaill Mac Coinnich a bheatha ann am BlĂ r aâ Mhaoil Ruaidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: BlĂ r Allt nam Mèirleach: The Battle of Altimarlach; Gleann Ruaidh: Glen Roy; BrĂ igh Loch Abar: Brae Lochaber; Comhairle DhĂŹomhair na h-Alba: Privy Council; Clann Ęźic aâ Phearsain: the clan MacPherson; na Granndaich: the Grants; Dòmhnallaich Ghlinne Garaidh: the MacDonells of Glengarry; Clann Iain Abrach Ă Gleanna Comhann: the MacIains from Glencoe; Mac Coinnich Shuidhe: Mackenzie of Suddie.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh Ă ite: what is the last inter-clan battle that took place?; ann an Gallaibh, faisg air Inbhir Ăige: in Caithness, near Wick; bha aâ chòmhrag eadar Clann na CeĂ rdaich Chèis ⌠agus Caimbeulaich Ă Siorrachd Pheairt: the conflict between the Sinclairs of Keiss ... and Campbells from Perthshire; anns aâ chòigeamh linn deug: in the 15th century; chaidh fearann a thoirt do Chloinn Ęźic an Tòisich: land was given to the Macintoshes; dhiĂšlt na Dòmhnallaich a leigeil seachad: the MacDonalds refused to give it up; fearann nan Dòmhnallach a ghabhail le fòirneart: to take the MacDonaldsâ land by force; ach dhâfhĂ ilnich air: but he failed; dhiĂšlt an dĂ chinneadh sin a dhol a chogadh an aghaidh Dòmhnallaich na Ceapaich: both of those clans refused to go to war against the MacDonalds of Keppoch; chaidh armailt Ęźic an Tòisich gu ruigâ aâ Cheapach fhèin: The MacIntosh army went to Keppoch itself; rinn iad an gnothach air an nĂ mhaid: they defeated their enemy; air sĂ illibh sin, ghlèidh Dòmhnallaich na Ceapaich am fearann aca ann an Loch Abar: because of that, the MacDonalds of Keppoch retained their land in Lochaber; nach e blĂ r uile-gu-lèir eadar-cinnidheach a bhâ ann: it wasnât entirely an inter-clan battle; aâ sabaid Ă s leth Riaghaltas na h-Alba mar âFeachd GĂ idhealach Neo-eisimeileach: fighting on behalf of the Government of Scotland as an âIndependent Highland Company.
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach: Bha gach taobh aâ togail creach air fearann na feadhnâ eile: each side was plundering cattle on the otherâs land. Feadhna is a genitive form of the singular feminine noun feadhainn which means a group of people [other genitive forms are feadhainn and feadhnach]. The terminal âaâ is here elided because of the following vowel in âeileâ.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha Clann ʟic an Tòisich agus na Dòmhnallaich air a bhith thar a chèile fad Úine mhòr: the Mackintoshes and MacDonalds had been at loggerheads for a long time.
Broadcast
- Sun 28 Dec 202522:00BBC Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.