Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè tha cho tarraingeach mu sgeulachdan Agatha Christie, 50 bliadhna bho bhàsaich i? Why are Agatha Christie's novels and stories still so popular, 50 years since her death?

Dè tha cho tarraingeach mu sgeulachdan Agatha Christie, 50 bliadhna bho bhàsaich i? Eadar Poirot agus Miss Marple, tha na milleanan eòlach air a cuid sgrìobhaidhean eadar nobhailean is cruthan teilibhisean dhiubh. Ach carson a tha i air maireachdainn mar phàirt de chultar is litreachas? Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir mun dearbh chuspair.

Le iomadach duine a' dèanamh air beanntan na h-Alba agus na Roinn Eòrpa - gun luaidh air an iomadach àite eile air feadh an t-saoghail - airson sgìtheadh, tha Cathy cuideachd a' cluinntinn bho fheadhainn a bhios a-muigh air na raointean sgìthidh sna monaidhean gu math tric. Ciamar as còir dhuinn tòiseachadh, ma tha miann againn fheuchainn?

Leanaidh prògram Today air Radio 4 teaghlaichean le pàisdean òga airson còig bliadhna, feuch cò ris a tha e coltach clann a thogail sa latha an-diugh. Ach ciamar a tha pàrantan a' faicinn an diofar sna ginealaichean - eadar an togail fhèin agus togail an cuid cloinne fhèin? Tha Peigi Anna Scott, Ceitidh NicIlleBhrath, agus Àdhamh O Bròin a' beachdachadh air an iomadach ceist a tha an lùib a chòmhraidh is a chuspair.

13 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 15 Jan 202622:25

Broadcasts

  • Thu 15 Jan 202609:00
  • Thu 15 Jan 202622:25