Episode details

Available for 14 days
Dè tha cho tarraingeach mu sgeulachdan Agatha Christie, 50 bliadhna bho bhĂ saich i? Eadar Poirot agus Miss Marple, tha na milleanan eòlach air a cuid sgrĂŹobhaidhean eadar nobhailean is cruthan teilibhisean dhiubh. Ach carson a tha i air maireachdainn mar phĂ irt de chultar is litreachas? Tha Cathy a' bruidhinn ri triĂšir mun dearbh chuspair. Le iomadach duine a' dèanamh air beanntan na h-Alba agus na Roinn Eòrpa - gun luaidh air an iomadach Ă ite eile air feadh an t-saoghail - airson sgĂŹtheadh, tha Cathy cuideachd a' cluinntinn bho fheadhainn a bhios a-muigh air na raointean sgĂŹthidh sna monaidhean gu math tric. Ciamar as còir dhuinn tòiseachadh, ma tha miann againn fheuchainn? Leanaidh prògram Today air Radio 4 teaghlaichean le pĂ isdean òga airson còig bliadhna, feuch cò ris a tha e coltach clann a thogail sa latha an-diugh. Ach ciamar a tha pĂ rantan a' faicinn an diofar sna ginealaichean - eadar an togail fhèin agus togail an cuid cloinne fhèin? Tha Peigi Anna Scott, Ceitidh NicIlleBhrath, agus Ădhamh O Bròin a' beachdachadh air an iomadach ceist a tha an lĂšib a chòmhraidh is a chuspair.
Programme Website