còmhla ri Mgr Earraig
Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień, sagart-paraiste Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhòid. Service with Fr Earraig Kwiecień, parish priest of St Andrew's, Rothesay.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
An Crìost' a-mhàin air a sheinn le Muriel Urchardain
O Airson Ceum nas Dlùith' do Dhia air a sheinn le Coitheanal Chille Mhoire agus Steinnseal
A' seinn Salm 23 - 'S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair tha Buidheann Seinn nan Laoidhean aig Pairce Bhellahouston 2010
O Iosa bi 'n Comhnaidh air a sheinn le Catrìona Anna Nic a' Phì
Dèan Mise a' Thighearna nam Theachdaire Do Shìth air a sheinn le Kathleen NicAonghais le taic bho Mhàiri NicAonghais
Spiorad Naomh Dhè air a sheinn le Maeve NicFhionghuin
Leughadh: Eòin 17
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainne a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thìll e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e aig obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laideann ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' cholaiste.
A thaobh a' cheangal a th’ aig Mgr Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhèin,“ ‘S e sgeul gaoil a tha sin.”
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e an sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr àiteachan ann an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, “làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.”
Dh'ionnsaich e an cànan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, ann am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall thàinig Mgr Earraig na shagart gu Sgìr' Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean ann an 2023. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban ach às dèidh bàs Mhgr Ruairidh MhicIain ann an 2024, chaidh Mgr Earraig a' dh'Eilean Bhòid na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.
Last on
Broadcasts
- Last Sunday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Last Sunday15:00BBC Radio nan Gàidheal
