Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Jan 2026,30 mins

còmhla ri Mgr Earraig

Dèanamaid Adhradh

Available for 23 days

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas: An Crìost' a-mhàin air a sheinn le Muriel Urchardain O Airson Ceum nas Dlùith' do Dhia air a sheinn le Coitheanal Chille Mhoire agus Steinnseal A' seinn Salm 23 - 'S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair tha Buidheann Seinn nan Laoidhean aig Pairce Bhellahouston 2010 O Iosa bi 'n Comhnaidh air a sheinn le Catrìona Anna Nic a' Phì Dèan Mise a' Thighearna nam Theachdaire Do Shìth air a sheinn le Kathleen NicAonghais le taic bho Mhàiri NicAonghais Spiorad Naomh Dhè air a sheinn le Maeve NicFhionghuin Leughadh: Eòin 17 'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainne a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thìll e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e aig obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laideann ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' cholaiste. A thaobh a' cheangal a th’ aig Mgr Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhèin,“ ‘S e sgeul gaoil a tha sin.” Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e an sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr àiteachan ann an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, “làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.” Dh'ionnsaich e an cànan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, ann am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall thàinig Mgr Earraig na shagart gu Sgìr' Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean ann an 2023. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban ach às dèidh bàs Mhgr Ruairidh MhicIain ann an 2024, chaidh Mgr Earraig a' dh'Eilean Bhòid na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.

Programme Website
More episodes
Trending Now