Main content

còmhla ris an Urr Pòl Moireach

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e an t-Urr Donaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Ã’ib
Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 119: 58-60 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost

Leughadh: Lucas 19: 1-10
Ceann-teagaisg: Lucas 19:1

'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017.

Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

25 days left to listen

30 minutes

Last on

Sunday15:00

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00