Episode details

Available for 26 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 98: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e an t-Urr Donaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart Salm 119: 58-60 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost Leughadh: Lucas 19: 1-10 Ceann-teagaisg: Lucas 19:1 'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar. Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann. Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017. Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Programme Website