Main content

le Coinneach Mac a' Ghobhainn.

Dè na cleachdaidhean Ceilteach a bha cò-cheangailte ris a Mhart? On the first week of March, Dr Donald Stewart explores the significance of this month in the Celtic calendar.

Air a chiad Dimàirt dhen Mhàrt, tha an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a' toirt sùil air dè na cleachdaidhean Ceilteach a bha co-cheangailte ris a mhìos seo. eachdraidh agus beul-aithris.

Tha cuimhneachan ùr ga chruthachadh ann am Portsmouth an dràsta, air na feachdan ris an canar na Coastal Forces – meur dhen Chabhlach Rìoghail a chuir gu mòr ri dìon na rìoghachd tron Chiad agus an Dara Cogadh. Ach cò iad agus carson nach robh iad cho buileach aithnichte ris an corr dhen Chabhlach?

Tha taisbeanadh ri fhaicinn ann an Dùn Èideann an dràsta de dhealbhan air am peantadh leis an ealanaiche Bill Ord, nach maireann. Bha Bill a' teagasg ealan aig Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh ' s na 50an. Tha dealbhan à Leòdhas ri'm faicinn aig an taisbeanadh 's chaidh Iain MacAsgaill a-mach son sùil a thoirt orra.

Gach Dimàirt an dràsta, tha aoighe a' taghadh leabhar agus sgrìobhaiche bho cheàrnaidh sam bith dhen t-saoghal, seach Breatann, Aimeireagaidh neo Èirinn. An-diugh, tha Patsi NicChoinnich air The Man Who Watched Trains Go by le Georges Simenon.

1 hour left to listen

57 minutes

Last on

Tue 3 Mar 202622:25

Broadcasts

  • Tue 3 Mar 202609:00
  • Tue 3 Mar 202622:25