Episode details

Expires on Friday 12:25am
Air a chiad DimĂ irt dhen MhĂ rt, tha an Dotair Dòmhnall Uilleam StiĂšbhart, a' toirt sĂšil air dè na cleachdaidhean Ceilteach a bha co-cheangailte ris a mhĂŹos seo. eachdraidh agus beul-aithris. Tha cuimhneachan Ăšr ga chruthachadh ann am Portsmouth an drĂ sta, air na feachdan ris an canar na Coastal Forces â meur dhen Chabhlach RĂŹoghail a chuir gu mòr ri dĂŹon na rĂŹoghachd tron Chiad agus an Dara Cogadh. Ach cò iad agus carson nach robh iad cho buileach aithnichte ris an corr dhen Chabhlach? Tha taisbeanadh ri fhaicinn ann an DĂšn Ăideann an drĂ sta de dhealbhan air am peantadh leis an ealanaiche Bill Ord, nach maireann. Bha Bill a' teagasg ealan aig Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh ' s na 50an. Tha dealbhan Ă Leòdhas ri'm faicinn aig an taisbeanadh 's chaidh Iain MacAsgaill a-mach son sĂšil a thoirt orra. Gach DimĂ irt an drĂ sta, tha aoighe a' taghadh leabhar agus sgrĂŹobhaiche bho cheĂ rnaidh sam bith dhen t-saoghal, seach Breatann, Aimeireagaidh neo Ăirinn. An-diugh, tha Patsi NicChoinnich air The Man Who Watched Trains Go by le Georges Simenon.
Programme Website