Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1395
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1395. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 12 Apr 202613:55
BBC Radio nan GÃ idheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1091
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1395
Duration: 05:05
Litir 1395: MÃ iri NicEalair (3)
Chaidh Mà iri NicEalair, a bhana-bhà rd Abrach, a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Ceithir bliadhna an dèidh sin, dhealaich i bhon duine aice. Cha robh mòran airgid aice agus bha i a’ fuireach ann an seòmraichean air mullach teanamant.
Ach bha beartas cultarach aice oir fhuair i eòlas air daoine a bha an sàs ann an adhartachadh na Gà idhlig. Bha i eòlach air Alasdair MacIlleMhìcheil a bha a’ cruinneachadh beul-aithris, agus air Iain MacMhuirich, a bha a’ deasachadh a’ phà ipeir-naidheachd, The Highlander.
Bha i cuideachd eòlach air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie, a bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus air Niall MacLeòid, am bà rd Sgitheanach. Nuair a dh’fhoillsich MacLeòid an cruinneachadh de bhà rdachd aige – Clà rsach an Doire – sgrìobh Mà iri dà n a bha a’ moladh a chuid obrach.
Goirid an dèidh dhi a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Èideann, chaidh inbhe shònraichte a bhuileachadh oirre. Chaidh a taghadh mar Bhà rd do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis. Bha an Comunn dìreach còig bliadhna a dh’aois ach bha e a’ fàs cliùmhor, agus ’s e urram a bh’ ann do Mhà iri, aig à m nuair nach robh boireannaich a’ faighinn aithne mar a bhitheadh an-diugh.
Sgrìobh i agus leugh i dà n airson Co-chruinneachadh a’ Chomuinn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). ’S e dà n mòr a bh’ ann, anns an robh còrr is trithead rann. ’S e an tiotal a bh’ air ‘Còmhradh eadar am Bà rd ’s a’ Chlà rsach’. Anns an dà n, tha a’ chlà rsach ag innse don bhà rd mar a tha i gun chomas ceòl a dhèanamh a chionn ’s gu bheil i brònach mu chall nan daoine ann an glinn na Gà idhealtachd.
Bha Mà iri dlùth ris an Urramach Alasdair MacGriogair, a bha an sàs ann an Comunn Gà idhlig Inbhir Nis, agus a bha taiceil dhi. Nuair a chaochail e, sgrìobh i marbhrann dha a nochd ann an Tìm an Òbain. Tha e stèidhichte air ruitheam an òrain ainmeil on ochdamh linn deug, a bha cuideachd air a sgrìobhadh le boireannach – Mo Rùn Geal Òg. Seo rann bhuaithe:
Fhir na h-aghaidh a bha mà lda
Gum bu chà irdeil thu dhòmhsa,
Fhir a’ ghuth bha cho ciùin,
Ri osag chùbhraidh an Ògmhios,
Bha do là mh mar an sìoda
Ann am mìnead ’s am bòidhchead,
’S truagh nach fhaic mi ’m fèith-gà ire
A bha nad bhlà th-shùil an-còmhnaidh
An tìr nam beò.
Choisinn Mà iri cliù mar bhà rd agus thà inig i gu aire na Banrigh Bhictoria. Bha Mà iri toilichte gun robh a’ Bhanrigh taiceil don Ghà idhlig. Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), fhuair i cùmhnant airson an dà rna leabhar de Queen Victoria’s Highland Journal eadar-theangachadh gu Gà idhlig. Ge-tà , cha robh an teachd a-steach a bha an cois a cuid sgrìobhaidh mòr gu leòr. Cha b’ urrainn dhi a mà l a phà igheadh airson an à ite-fuirich aice, agus ghluais i a-steach còmhla ri a piuthar-chèile a bha na banntrach.
Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887) fhuair i taic airgid bho mhaoinean poblach. Chùm iad sin a’ dol i, ach bha i a-nise a’ fulang droch shlà inte. Cha bhiodh air fhà gail aice ann an tìr nam beò ach trì bliadhna. Bheir sinn sùil air deireadh a beatha agus air an dìleib aice anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mà iri NicEalair: Mary MacKellar; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; cliùmhor: prestigious; marbhrann: elegy; Tìm an Òbain: The Oban Times; sìoda: silk.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dhealaich i bhon duine aice: she separated from her husband; seòmraichean air mullach teanamant: rooms at the top of a tenement; an sàs ann an adhartachadh na Gà idhlig: involved in the promotion of Gaelic; Iain MacMhuirich, a bha a’ deasachadh a’ phà ipeir-naidheachd: John Murdoch, who was editing the newspaper; Iain Stiùbhart Blackie, a bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann: John Stuart Blackie, who was lobbying for a Chair of Celtic at the University of Edinburgh; nuair a dh’fhoillsich MacLeòid an cruinneachadh de bhà rdachd aige: when MacLeod published his collection of poetry; sgrìobh Mà iri dà n a bha a’ moladh a chuid obrach: Mary wrote a poem that was praising his work; chaidh inbhe shònraichte a bhuileachadh oirre: she was awarded a special status; tha a’ chlà rsach ag innse don bhà rd mar a tha i gun chomas ceòl a dhèanamh: the harp tells the poet how she is unable to make music; a chionn ’s gu bheil i brònach mu chall nan daoine ann an glinn na Gà idhealtachd: because she is sad about the loss of the people in the glens of the Highlands; dlùth ris an Urramach Alasdair MacGriogair: close to the Rev Alexander MacGregor; fhir a’ ghuth bha cho ciùin: dear man of the mild voice; ri osag chùbhraidh an Ògmhios: as a fragrant June breeze; ’s truagh nach fhaic mi ’m fèith-gà ire: it’s a pity I shall not see you’re the smile; bha nad bhlà th-shùil an-còmhnaidh: that was always in your warm eyes; an tìr nam beò: in the land of the living.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh a taghadh mar Bhà rd do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis: she was elected as Bard to the Gaelic Society of Inverness. When creating a past passive with rach ‘to go’, in the absence of a noun (e.g. chaidh Mà iri a thaghadh) we insert the possessive pronoun. The verbal noun, here in terminal position, is lenited according to rules governing possessives viz. chaidh mo thaghadh ‘I was elected’; chaidh do thaghadh ‘you were elected’; chaidh a thaghadh ‘he was elected’; chaidh a taghadh ‘she was elected’; chaidh ar taghadh ‘we were elected’; chaidh ur taghadh ‘you pl. were elected’; chaidh an taghadh ‘they were elected’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Goirid an dèidh dhi a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Èideann: shortly after she had made her home in Edinburgh.
Broadcast
- Sun 12 Apr 202613:55BBC Radio nan GÃ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.