Episode details

Available for 2 days
Tha BBC Radio nan GĂ idheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na trĂ th laithean sin son an t-sreath FĂ ilte air a' Bhaile. Sa phrògram seo, thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987. Bha Cathy a' còmhradh ri Attie MacEachairne mun chreag san sgĂŹre is e ag aithris mar a chaidh a chleachdadh ann an drochaid Greyfriars ann an Lunnain. Chaidh aâ chlach gu New York agus Liverpool airson cidheachan a thogail an sin agus 's e thâ ann an cuid de thoglaichean Ghlaschu agus ann an cuid de thaighean-solais air feadh na dĂšthcha. Fhuair sinn òran bho Attie anns aâ phrògram; Togaidh mi'd a Bhratach, a chaidh a sgrĂŹobhadh le bĂ rd ionadail, Eòghann MacLaomain. Anns a' phrògram bha i cuideachd a' còmhradh ri Iain MacCalluim agus ri Calum Peutan is i a' faighneachd dhaibh dè thug orra tilleadh dhan sgĂŹre. Bha Calum Caimbeul a' còmhradh ri Cathy mu Ă iteachas san sgĂŹre is mun lĂ obrach aige agus chualar cuideachd bho Dot Mhoireasdan a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist.
Programme Website