Air ùrachadh: 6 An t-Ògmhios 2017
Chan fhaod. Ach faodaidh tu cunntas BBC a dhubhadh Ă s airson smachd a chumail orra.
Cuimhnich, ma tha do chunntas ceangailte ri cunntas pà iste, thèid ceadan chloinne sam bith a dhubhadh às cuideachd. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu cheadan chloinne an seo.
Ciamar a dhubhas mi Ă s mo chunntas BBC?
1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.
2. An uair sin, air là rach BBC sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bà rr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do Chunntas”). Tha e ri lorg sa bhà r lorgaidh, faisg air bà r seòlaidh do bhrobhsair.
3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.
4. Anns an earrainn “Dubh às do chunntas”, brùth air “Tha mi airson mo chunntas a dhubhadh à s”. Feumaidh tu d’ fhacal-faire a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu da-rìreabh a th’ ann.
5. Air an ath sgrion, brùth air “Dubh às mo chunntas” agus sin e dèante. Bidh sinn duilich d’ fhaicinn a’ falbh.
Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?
Feumaidh tu ùrachadh. Faic mar a nì thu seo ann an “Tha duilgheadasan agam le m’ fhacal-faire”.
Cuimhnich...
Gu mì-fhortanach cha till cunntasan a dh’fhalbh. Na dubh às do chunntas mur a bheil thu cinnteach.
Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhĂ in. Duilich mun sin.
