Dè dh'fhaodas am BBC a dhèanamh leis an stuth a phostas mi?
Air ùrachadh: 23 An t-Ògmhios 2022
Faodaidh sinn:
A chleachdadh, dachaigh a thoirt dha, no a ghleidheadh ann an seirbheisean is stuthan BBC
Mar a bhith ga chur gu Weather Watchers no lĂ rach-lĂŹn CBeebies.
Leth-bhreac a dhèanamh, atharrachadh no eadar-theangachadh, no rudan a dhèanamh air am brosnachadh leis
Chan atharraich sinn do stuthan co-cheangailte ri naidheachdan mura bheil e deatamach.
Leugh mu mar a bhios sinn aâ cleachdadh do bheachdan no do chruthachaidhean co-cheangailte ri naidheachdan.
A chleachdadh le ar goireasan airson cruthachaidhean a dhèanamh no stuthan ath-mheasgachadh
Tha goireasan aig cuid de ar seirbheisean airson cluich le ar stuthan, do chòd fhèin a sgrĂŹobhadh agus geamannan agus samhlaidhean-sĂšla a chruthachadh. Dhâfhaodadh iad sin:
- Do chruthachaidhean fhoillseachadh mar bhrosnachadh do dhaoine eile.
- Cuireadh a thoirt do dhaoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh airson rud a chruthachadh iad fhèin.
Sgaoil e airson rannsachadh a dhèanamh
Bidh sinn a' dèanamh obair rannsachaidh agus aig amannan ag obair le com-pà irtichean rannsachaidh. Bho à m gu à m bidh sinn a' roinn ar stuthan is dà ta leotha. Ach tha sinn cÚramach mu na thèid a roinn agus mu nas urrainn do ar com-pà irtichean rannsachaidh a dhèanamh leis.
A cho-mheasadh
Tha sin aâ ciallachadh gu faod sinn breithneachadh air, deasachadh a dhèanamh air, a thoirt air falbh no tighinn gu co-dhĂšnadh gun a chleachdadh. Agus ma tha e aâ bristeadh laghan sam bith, faodaidh sinn a chur gu na poilis no Ăšghdarrasan eile.
Agus faodaidh sin rudan a chruthaich thu a chleachdadh:
- Ann an Ă ite sam bith san t-saoghal.
- Ann am meadhan sam bith (mar eisimpleir Tbh, an t-eadar-lÏon, rèidio, na meadhanan sòisealta is appaichean).
- Cho fad âs a thogras sinn â fiĂš âs ged a sguireadh tu a chleachdadh ar seirbheisean.
Agus faodaidh duine sam bith a tha ag obair còmhla rinn na h-aon rudan a dhèanamh cuideachd. Mar eisimpleir, ma chuireas tu ĂŹomhaigh gu BBC News, dhâfhaodadh sinn sgeulachd leis an ĂŹomhaigh sin a thoirt do chraoladair cèin a dhâfhaodadh an uairsin a h-uile cĂ il a tha air ainmeachadh gu h-Ă rd a dhèanamh. Agus dhâfhaodadh iad toirt air an luchd-cleachdaidh pĂ igheadh airson fhaicinn.
Rudan eile a nÏ no nach dèan sinn:
- âS dòcha gu leig sinn le daoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh. Agus uaireannan dhâfhaodadh e bhith gu leigeadh sinn leotha a dheasachadh no rudan air am brosnachadh leis a chruthachadh.
- Cha phĂ igh sinn thu air a shon.
- Bhiodh sinn an dòchas a chleachdadh. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
- Mar as trice, bidh sinn aâ cur dâ ainm ri taobh na chruthaich thu. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
- Dhâfhaodadh sinn brath a chur thugad airson dèanamh cinnteach gu bheil cead agad ĂŹomhaighean sam bith, no ceòl, no criomagan no teacsa a chleachdadh ann an rud sam bith a chuireas tu thugainn.
Dhâfhaodadh cumhachan eile a bhith ann
Uaireannan faodaidh luchdachadh suas rud a chruthaich thu gu aon de ar seirbheisean a bhith aâ ciallachadh gun cleachd thu goireas le cuideigin taobh a-muigh aâ BhBC. Mar eisimpleir, faodaidh tu WhatsApp a chleachdadh airson do sgeulachdan agus fianais do shĂšil a roinn le BBC News.
Uaireannan bidh teirmichean agus cumhaichean aig an t-solaraiche a tha aâ buntainn ri bhith aâ cleachdadh an goireas aca. Bu chòir dhut an cumhaichean (lorgaidh tu iad air-loidhne) a leughadh chionns gun innis iad dhut dè dhâfhaodas an solaraiche a dhèanamh leis an rud a chruthaich thu nuair a chleachdas tu an goireas aca.
Nota mu do âChòraichean Moraltaâ
Nuair a tha thu aâ luchdachadh suas rud sam bith, tha thu aâ leigeil Ă s do chòraichean moralta ann. Tha sin aâ ciallachadh gu faod sinne a chleachdadh gun dâ aithneachadh mar an neach a chruthaich e.
Faodaidh sinn cuideachd a dheasachadh no atharrachadh gun do chead. Agus cha bhi còir agad cantainn gun do dhèilig sinn ris ann an dòigh a bha âsuarachâ.
Tha an tuilleadh mu do chòraichean moralta an seo.
