Air là rach An-diugh is An-dè tha trì gnìomhan An Uaimh, Mo Latha agus Ag Atharrachadh, a tha freagarrach do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh Trà th agus Ciad ìrean a' Churraicealaim airson Sà r-mhathais.
Tha dà ghnìomh stèidhichte air beatha agus fèin-fhiosrachadh an leanaibh agus an treas tè a' toirt a' chothroim dhaibh a dhol air ais ann an tìm gu Linn na Cloiche gus faicinn co ris a bha beatha ann an uaimh coltach.
Faodar ceanglaichean a dhèanamh gu earrannan eile den churraicealam leithid Eòlas Ealain Cruthachail, Slà inte agus Sunnd, Teicneòlasan agus Creideamh agus Moraltachd.
An Uaimh(Cave Dwellers)
Anns a' ghnìomh seo, feumaidh a' chlann rudan a chruthachadh agus a chruinneachadh airson cuirm ann an uaimh bho Linn na Cloiche.

Ag Atharrachadh(How I Have Changed)
Tha an gèam seo mu thìde agus fàs suas. Tha e feumail airson aithne a thoirt don leanabh air mar a tha ùine a' dol seachad agus mar a chuireas iad tachartasan ann an suidheachadh eachdraidheil.

Mo Latha(My Day Now)
Sa ghnìomh dhathach seo tha clann ag òrdachadh nithean là itheil rè tachartais gus tuigse nas fheà rr fhaighinn air mar a thèid an ùine seachad ann an aon latha.

Taic Fuaim is Teacsa
Cliog air a' phutan, Roghainnean, airson:
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' mhòr chuid den t-susbaint
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh
• atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.
Chan eil na Roghainnean rim faotainn bho dhuilleagan pĂ rantan agus tidsearan.