Anns a' ghnÏomh seo, feumaidh a' chlann rudan a chruinneachadh airson cuirm ann an uaimh bho Linn na Cloiche. Ann a bhith a' dèanamh sin tha iad ag ionnsachadh mar a bha coimhearsnachdan san linn seo a' cruinneachadh biadh, mar a bha iad a' cumail blà th, agus mar a bha iad a' dèanamh innealan. Gabhaidh iad pà irt ann a bhith a' sealg bheathaichean agus glacaidh iad èisg. Anns a' ghèam tha dealbhan agus bhidiothan beòthail agus suidheachaidhean agus gnÏomhan inntinneach.
Dèan Poca
Seo gèam furasta airson clann a bhrosnachadh gus tuigse is tomhais tÚrail a chleachdadh airson poca Linn na Cloiche a dhèanamh. Le còmhradh eadar-obrachail is duais luath bheir an gèam seo tlachd dha clann agus brosnaichidh e ath-chluich. Tha an gèam a' sealltainn gur ann a' cruinneachadh, agus nach b' ann a' ceannach, biadh a bhathas ann an Linn na Cloiche.
Bha pocannan feumail airson a bhith a' giÚlain biadh mar dearcan agus cnothan. Dh'fheumadh pocannan a bhith air an dèanamh bho thÚs.

Dèan Sleagh
Bha sleaghan lÏnn na cloiche air an dèanamh de fhiodh là idir le goban biorach, ailbhinn. Cruthaich sleagh là idir, geur a dh'itealaicheas tron èadhar. Tagh na stuthan ceart.

Sa ghèam feumaidh a' chlann sleagh a dhèanamh le bhith a' taghadh nan stuthan ceart. Ma thaghas iad na pà irtean den t-sleagh gu cÚramach, gheibh iad cothrom an t-sleagh fhaicinn ag obair, ag itealaich a dh'ionnsaigh targaid le mionaideachd Palaeolithic.
Glac Ăisg
Dhèanadh meall mòr èisg fÏor chuirm dha treubh Linn na Cloiche ach chan eil e cho furasta sin fhaighinn. Sa ghèam seo faodaidh a' chlann feuchainn ri nas urrainn dhaibh de dh'iasg a ghlacadh airson cuirm le bhith a' bruthadh air an iasg len luchaig agus a' seachnadh na h-iolaire a tha ag itealaich os an cionn. Bheir an gnÏomh seo sealladh dhan chloinn air mar a bhiodh sealgairean ro-eachdraidheil gam biadhadh fhèin is an teaghlaichean gus a thighinn beò ann an à rainneachd gharbh.

Tog Teine
Bhiodh uaimh lÏnn na cloiche fuar agus dorch ach dhèanadh teine à ite blà th, seasgair dhith. Sa ghnÏomh bhrosnachail seo cuidichidh a' chlann dithis bhon uaimh gus teine a thogail. Gèam dathach a tha a' coimhead fÏor agus a tha a' cruthachadh à m brosnachail eachdraidheil ann an dòigh a chòrdas ri clann.

Dèan Dealbh air Balla na h-Uaimhe
Bheir gnÏomh peantadh na h-uaimhe sealladh dhan chloinn air beatha ann an Linn na Cloiche. Faodar cumaidhean a chur air balla uaimhe gus a sgeadachadh. Faodaidh a' chlann na dealbhan a chur ann an òrdugh gus sgeulachdan innse mun eòlas fhèin ann an cluich gnÏomhan na seilge is a' dèanamh teine, dÏreach mar a bhiodh daoine ann an Linn na Cloiche a' dèanamh, no faodar an gèam a chluich dÏreach mar ghèam. Faodar dealbhan na gnÏomhachd a chlò-bhualadh agus an cleachdadh gus balla dha-rÏribh a sgeadachadh.

Tha na dealbhan uaimhe as ainmeil ann an Lascaux, An Fraing agus Altamira, An Spà inn. Rinn luchd-ealain uaimh peanta à talamh, sÚithe agus lusan. Bhiodh iad a' peantadh le clachan, biorain, meuran agus bruisean air an dèanamh à bian, craiceann no còinneach.
Sealg Beathach Mòr*
Dhèanadh beathach mòr molach deagh bhiadh dha treubh bho Linn na Cloiche ged nach eil e furasta a ghlacadh. Sa ghèam seo bidh clann ag iomain beathach mòr gu sloc far an tèid a ghlacadh, dÏreach mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' dèanamh. Tha am beathach mòr an uairsin dha "mharbhadh" le sleag. Bheir an gèam sealladh dhan chloinn air mar a bhiodh sealgairean Linn na Cloiche a' tighinn beò ann an à rainneachd gharbh.

*Tha beathach mòr ga iomadadh agus ga "mharbhadh" le sleagh anns a' ghèam seo.
Am PĂ rtaidh
Cuir crÏoch air na gnÏomhan gu lèir agus cosnaidh tu ceithir clachan agus an cothrom a dhol chun pà rtaidh!