Dè cho prìseil 's a tha an saoghal nad bheachd-sa? Dè th' aig daoine a tha a' creidsinn ann an Dia ri rà dh mu choimhead às dèidh na h-à rainneachd?
Tha an dĂąbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè an luach a tha cuid a tha a' creidsinn ann an Dia a' cur air an t-saoghal nà darra?
• Ciamar a bhios iad a' cur nan luachan sin an cèill?
• Dè cho prìseil 's a tha an saoghal nad bheachd-sa?
• Ciamar a tha do bheachdan air an t-saoghal nà darra a' toirt buaidh air mar a tha thu beò?
Tha na ceistean bunaiteach sin co-cheangailte ri na ceithir comasan a th' ann an Curraicealam airson Sà r Mhathais, gu sònraichte a bhith nar saoranaich cùramach is nar tabhartairean èifeachdach. Dh'fhaodadh leasachadh a dhèanamh air cothroman na nithean sin a rannsachadh ann an cleachdadh agus air mar a chithear iad nar sòisealtas.
Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.
Coinnichidh tu ris na daoine a leanas:
Neach-ealain
Tha an neach-ealain a' cur na ceist: Dè an luach a tha daoine a tha a' creidsinn ann an Dia a' cur air an t-saoghal nà darra? Carson? Ciamar a bhios iad a' cur nan luachan sin an cèill?
Neach-raoin na Pà irce (Crìosdaidh)
Tha an neach-raoin a' cur luach air an t-saoghal nà darra oir tha i a' creidsinn gun do chruthaich Dia e, agus mar sin gu bheil e math; tha i a' creidsinn gu bheil e na dhleastanas bho Dhia gum bi daoine a' coimhead às dèidh a' chruthachaidh. Bidh i a' cur nan luachan sin an cèill ann an ùrnaighean aig à m an aslachaidh agus tro Fhèill an Fhogharaidh.
Am Balach a tha ag Iasgach (IĂądhach)
Tha am balach seo dhen bheachd gun do dh'à ithn Dia, an Cruithear, san Torah, dha na h-Iùdhaich an saoghal nà darra 'a shaothrachadh agus a ghleidheadh' (Genesis 2:15*), agus gu bheil 'uachdaranachd' (Genesis 1:26*) aig daoine thairis air agus gu bheil uallach orra airson glèidhteachas. Bidh daoine a' cur na tha iad a' creidsinn an cèill le bhith a' tairgsinn bheannachdan agus a' cumail ris an Torah, le bhith a' leantainn a' phrionnsapail shabataich agus ann am fèilltean mar Tu b'Shevat agus Sukkot.
Neach na Grèine
Balach nan Clach
Tè nan Ceapairean
'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.
Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Cuairt tron Choille.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Cuairt tron Choille'
Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an neach-ealain, airson a' cheist aige fhaighinn
2. am balach a tha ag iasgach agus an neach-raoin (ann an òrdugh sam bith)
3. an neach-ealain a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig an abhainn.
Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlà ir.