'S e là rach-lìn Gà idhlig a th' ann an Cuir Ceist dha clann bho aois 7-11. Am measg là raich eile do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sà r Mhathais tha:
- Imrich (Cuspairean Sòisealta)
- Sinne (Cuspairean Sòisealta)
- Saidheans Spòrsail (Saidheansan)
Tha còig geamannan ann an Cuir Ceist a chaidh a dhealbh gus barrachd tuigse a thoirt air à ite agus buaidh creideimh, smaoineachadh a bhrosnachadh agus cothroman a thoirt seachad airson leasachadh spioradail.
Tha an cuideam air Crìosdaidheachd ach tha fiosrachadh ann cuideachd bho Bhuddhachd, Islam, Iùdhachd agus Hindùthachd, agus tha sealladh saoghalta ann far a bheil sin iomchaidh.
Chan eil an gèam ag iarraidh air cluicheadair creideamh a thaghadh no taghadh eadar creideamhan, ach tuigsinn agus beachdachadh air na luachan ann an diofar chreideamhan.
Tha Cuir Ceist a' cur air adhart Prionnsabalan is Cleachdaidhean a' Churraicealaim airson Sà r Mhathais (CfE) airson Foghlam Crìosdail is Moralta (RME). Tha ionnsachadh tro Cuir Ceist a' toirt cothrom dha daoine òga na leanas a dhèanamh:
ionnsachadh bho creideamhan, luachan, cleachdaidhean is dualchasan Crìosdaidheachd agus bho na creideamhan eile a chaidh a thaghadh, bho dualchasan is beachdan eile a tha neo-eisimeileach bho chreideamh chrà bhach. Tha na dùbhlain a' tabhann chothroman dhan luchd-ionnsachaidh gus creideamh aithneachadh mar nì cudromach ann an eòlas daonna. Faodaidh seo cuideachd brosnachadh a thabhann airson eòlas is tuigse mu chreideamhan a rannsachadh is a leasachadh, ag aithneachadh à ite Chrìosdaidheachd ann an suidheachadh Albannach agus airson rannsachadh a dhèanamh is tuige fhaighinn mu na freagairtean a dh'fhaodas beachdan crà bhach is neo-chrà bhach a thoirt do cheistean mu nà dar is ciall na beatha.
Tha Cuir Ceist air a dhealbhadh airson an cleachdaiche a bhrosnachadh gus beachdachadh air an fhiosrachadh agus gus feuchainn ri ciall a thoirt Ă s na suidheachaidhean a th' air an cleachdadh agus anns na suidheachaidhean farsaing a tha buntainneach dhaibh. Tha comasachd ann cuideachd airson pearsantachd is roghainn far am faod luchd-ionnsachaidh suidheachaidhean buntainneach a rannsachadh ann am barrachd leud no doimhneachd.
DĂąbhlain
Tha còig dùbhlain ann:
• Cuairt tron Choille (Walk in the Woods)
• Bochdainn is Beairteas (Rags and Riches
• Air a' Chladach (Seaside Special)
• Baile Fàs (Derelict Town)
• Truailleadh sa Bhaile (Spillage in the Village
Cuidichidh an obair thu gu bhith:
• ag aithneachadh prìomh luachan creideimh co-cheangailte ris an t-saoghal nà darra
• a' tuigsinn dleastanas airson na planaid agus a' com-pà irteachadh sin ri daoine eile
• a' tuigsinn na th' aig creideamh ri rà dh mu à ite dhaoine san t-saoghal, me, cho sònraichte 's a tha e.
A' cluich a' gheama
Tha dà dhòigh air an gèam a chluich. Bheir na dhà cothrom dhut feuchainn air na dùbhlain ann an òrdugh sam bith.
Cruth dĂąbhlain
Gabh cuairt tro gach Ă ite airson na caractaran a lorg.
Cruth teacsa
Cluich an gèam leis an teacsa a-mhà in gun a dhol tro gach à ite a lorg nan caractaran. Chaidh seo a dhealbh airson a bhith nas fhasa a chleachdadh dha na doill, feadhainn a tha gann de fhradharc, no a chleachdas meur-chlà r airson stiùireadh. Ach, faodaidh duine sam bith a chleachdadh.
Tagh caractar
Faodaidh tu do charactar fhèin a thogail airson nochdadh sa ghèam.
Tagh treòraiche
'S e an treòraiche a bheir stiùireadh dhut tro Cuir Ceist agus cuidichidh e thu ma tha feum agad air.
A' gluasad
Faodaidh tu a dhol tro na geamannan le bhith cliogadh air a' cheĂ rnaig dha bheil thu airson gluasad. Airson bruidhinn ris na caractaran, cliog air a' cheĂ rnaig liath rin taobh.
Caractaran
Anns gach dùbhlan, coinnichidh tu ri caractar le ceist shònraichte mun t-saoghal. 'S e d' obair-sa a' cheist a fhreagairt le bhith a' bruidhinn ri gach caractar eile san dùbhlan. Bidh sealladh creideimh aig na caractaran air a' chùis a thathar a' deasbad. An uair sin, till chun a' cheasnaiche, a bheir duais dhut, nuair a bhios e/i toilichte gun do fhreagair thu a' cheist.
Gus crìoch a chur air an dùbhlan, feumaidh tu bruidhinn ri caractar ris an canar Fear a' Gheata. 'S ann le bruidhinn ri Fear a' Gheata a gheibh thu tron bhacadh agus crìoch a chur air an dùbhlan. Chaidh an caractar seo a dhealbh gus do chuideachadh ann a bhith a' smaoineachadh air na dh'ionnsaich thu, agus airson sin a chur ri d' eòlas agus do thuigse fhèin air creideamh.
Beag-fhaclair de bhriathrachas na lĂ raich.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail am 'Beag-fhaclair'
Taic claistinneach is lèirsinneach
Cliog air 'Roghainnean' airson:
• ath-mheudachdh teacsa sgrion is teacsa is dathan cùl-raoin atharrachadh
• teacsa air sgrion a chluinntinn
• tiotalan fhaotainn dhan mhòr-chuid de na th' air bhidio is fuaim.
Chan eil na roghainnean seo rim faotainn san earrann Fiosrachaidh.
Faodaidh tu cuideachd stiĂąireadh tron chuid as motha dheth leis a' mheur-chlĂ r.