Notaichean tidseir air bhidiothan mun bhiadh eadar-dhealaichte a tha ri fhaighinn ann am Birmingham. Notes for teachers about a study of food in Birmingham.
Tha an sgrÚdadh mionaideach seo a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ris an t-seòrsa bidhe a tha sinn ag ithe, co às a tha ar biadh a' tighinn agus mar a dh'fhaodadh am biadh a tha sinn ag ithe a bhith ag innse dhuinn mu chultaran agus fèin-aithneachadh.
Tha an sgrÚdadh seo stèidhichte ann am Birmingham agus tha e a' sònrachadh iomadachd chultarail nan daoine agus am biadh a tha ri fhaighinn ann.
Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid san sgrĂšdadh a gheibhear le bhith a' cliogadh air ĂŹomhaighean san Ă rainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlĂ r gu h-ĂŹosal. Tha fo-thiotalan an lĂšib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan den bhiadh a tha sinn ag ithe.
Tha na cuspairean ris am bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:
Biadh FairtradeAn seòrsa bidhe a tha fàs gu h-ionadail air lotaichean.
Dè th' ann am margaidhean tuathanaich agus dè a tha a' dèanamh a' bhidhe eadar-dhealaichte bhon bhiadh a thathas a' ceannach anns a' mhòr-bhÚth.
Cuairt gu margaidh mhòr airson faicinn dè na dÚthchannan às a bheil am biadh againn a' tighinn agus dè cho fad 's a tha aige ri siubhal.
Cuairt gu mòr-bhÚth airson faighinn a-mach mar a tha am biadh a tha sinn ag ithe air atharrachadh agus mar a tha seo air a shealltainn anns na seòrsachan bidhe a tha air an reic ann am bÚithtean.
Tha cruinneachadh eile ann a tha a' sealltainn trĂŹ bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean de bhiadh annasach, mĂŹorbhaileach agus inntinneach. Tha iad seo air an dealbh gus beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ĂŹomhaigh an t-saideal air an sgrion.
| CUSPAIR | BHIDIOTHAN | COTHROMAN ĂISTEACHD |
| Biadh |
| Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu am Birmingham Thig agus cluinn dè th' aig clann am Birmingham ri rà dh mu bhiadh Thig agus cluinn tuilleadh mu na tha aig clann am Birmingham ri rà dh mu bhiadh Thig agus cluinn tuilleadh bheachdan mun bhiadh a bhios sinn ag ithe Thig agus cluinn beachdan mu bhiadh à Birmingham |