A Bhanarach Dhonn a' Chruidh

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: Alasdair Friseal, Fionnlagh MacNèill agus Mairead NicNèill.

This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: Alasdair Friseal, Fionnlagh MacNèill and Mairead NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A' bhanarach dhonn a' chruidh,
Chaoin a' chruidh, dhonn a' chruidh,
Cailin deas donn a' chruidh,
Cuachag an fhĂ saich.

A bhanarach mhĂŹogach
'S e do ghaol thug fo chĂŹs mi,
'S math thig lĂ mhainnean sĂŹoda
Orra mhĂŹn-bhasan bĂ na.

'S mòr bu bhinne bhith 'd èisteachd
'N àm bhith bleoghan na sprèidhe
Na 'n smeòrach sa Chèitein
'M bàrr gèig ann am fàs-choill.

Nuair a sheinneadh tu coilleag
A' leigeil mairt ann an coillidh,
Thigeadh eunlaith gach doire
Dh'èisteachd coireal do mhànrain.

Ceòl farasda, fÏor-bhinn,
Fonnmhor, faramach, dĂŹonach
A sheinn an cailin donn, fĂŹnealt
Bheireadh bĂŹogadh air m' Ă irnean.

Ged a b' fhonnmhor an fhidheall,
'S a teudan an righeadh,
'S e bheireadh danns air gach cridhe
Ceòl nighean na h-àirigh.

Tha deirg' agus gile
A' gleac an gruaidhean na finne,
Beul mĂŹn mar an t-sirist
D' am milis thig gĂ ire.

Deud snasta na rĂŹoghainn
Snaighte, cruinn mar na dĂŹsnean,
Gur h-i an donna-gheal ghlan smĂŹdeach
'S ro mhĂŹog-shuileach fĂ ite.

Chuireadh maill' air do lèirsinn
Ann am madainn driÚchd Chèitein
Na gathan grèine
Thig o 'teud-chĂšl cas fĂ inneach.

'S ciatach nuallan na gruagaich
Ri bleoghan cruidh ghuailfhinn,
A' toirt torman air cuachaig
'S bodhar-fhuaim aig a clĂ raibh.

'S taitneach siubhal a cuailein
Ga chrathadh mu 'cluasaibh,
A' toirt muidh' air sèist-luachrach
An taigh-buaile 'n gleann fĂ saich.

A muineil geal bòidheach
Mun iathadh an t-òmar
A dhath fhèin air gach seòrsa
ChÏt' a' dòrtadh tre 'bràighe.

DĂ  mhaoth bhois bu ghrinne
Fon dĂ  ghaoirdean bu ghile
Nuair shĂŹnt' iad gu h-innealt
Gu sinean cruidh fhĂ sgadh.

DĂ  chalpa na mainmnich
Mar phileirean mairbhill
Cho gile ri cainichein
Chinneas fanna-gheal sna blĂ raibh.

Gum bu mhòdhar mo bheadrach
Teachd don bhuaile mu eadradh,
Sèimh, sult-chorpach, beitir,
'S buarach ghreasad an Ă il aic'.

Do chĂšl amlagach, teudach,
Buclach, feòirneineach, glèidhteach,
De chnothan na gèige,
Cheapadh glèidhtich' a làn diubh.

Bheireadh dÚlan na grèine,
Deàrrsadh moch air òr-sheudan,
'S gum b' ait leam ra lèirsinn
Boillsgeadh èibhinn cÚil Màiri.

Ghlac gheal a b' Ă rd gleodhar
A stealladh bainne 'n cuaich bhleoghain,
A' seinn nan luinneag bog, seoghach
A' togail cobhair ri BlĂ raich.

Nuair a thogadh tu 'bhuarach,
Cuach is curasan na buaile,
B' ao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na srĂ ide.

Gur cĂšbhraidh lean t-anail
Na caineal a' mhargaidh.
Cha bhanarach glinn' thu
Cha tig aireach gad shireadh,
Ach duin' uasal den fhineadh
Thèid don fhireach le 'phàirtidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems air a dheasachadh le Ruaraidh MacThòmais, air fhoillseachadh le Scottish Academic Press, 1996.

Mac Mhaighstir Alasdair, The Ardnamurchan Years le Raghnall Mac Ille Dhuibh, air fhoillseachadh le The Society of West Highland and Island Historical Research, 1986.

Seinneadairean / Performers

Alasdair Friseal

Alasdair Friseal

'S ann à Raon Mòr ann an Aichillidh Bhuidhe a bha Alasdair Friseal (1905-1975) agus b' e an gille a b' òige ann an teaghlach ...

Fiosrachadh air Alasdair Friseal / Learn more about Alasdair Friseal
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

Mairead NicNèill

Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 DÚbhlachd, ...

Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèill

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now