Ăran air a sgrĂŹobhadh le: DĂšghall MacPhĂ il agus air a sheinn le: Còisir GhĂ idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann agus Niall MacIllEathain.
This is a song written by: DÚghall MacPhà il and sung by: Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann and Niall MacIllEathain.
Sèist / Chorus
An t-Eilean Muileach, an t-eilean Ă ghmhor,
An t-eilean grianach mun iath an sĂ ile;
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann Ă rda,
Nan coilltean uaine, 's cluaintean fĂ sail.
Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol
Sa Chaisteal Nuadh, san taobh tuath de Shasainn,
Bidh tĂŹr mo dhĂšthchais a' tighinn fa-near dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.
B' fhallain, cÚbhraidh, 's bu rèidh an t-à ilean,
Le blĂ than maoth-bhog bu chaoine fĂ ileadh;
Bu ghlan na bruachan mun d'fhuair mi m' Ă rach
An Doire Chuilinn aig bun Beinn BhĂ irneach.
Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thĂ rr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg siÚbhlach, le sÚrd ri lÚth-chleas
Na cuislibh dĂšbhghorm gun ghrĂšid, gun ruadhan.
Bu chulaidh-shÚgraidh do dh'òg-fhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhÏreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
Bhith toirt nan lĂ n-bhreac gu trĂ igh mu bruachan.
Gheibhte 'n ruadh-chearc 's na coilltean ĂŹosal,
'S a coileach tĂšchanach dlĂšth ga brĂŹodal;
'S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrĂŹthean,
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lÏonmhor.
B' e 'n sòlas-inntinn leam a bhith 'g èisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chèitein,
A' seinn gu sunndach an dlĂšths nan geugan -
A' choill' fo liath-dhealt, 's a' ghrian ag èirigh!
Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar
'S mar bhristeadh builgein air bhĂ rr nan stuagh-thonn:
Ach soraidh slĂ n leis gach loinn is buaidh
A bh' air eilean Ă ghmhor nan Ă rd-bheann fuara.

Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiÚireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir GhĂ idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir GhĂ idhlig Ceann Loch Chille Chiarain'S ann Ă Port na h-Abhainne ann an Ăle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dĂ cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triÚir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-GhĂ idheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) Ă rach. Bha a sheanair agus ...
Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathainCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.