
Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-GhĂ idheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) Ă rach. Bha a sheanair agus a sheanmhar Ă Colla agus Tiriodh.
Ann an Sgoil an Òbain thà inig e fo bhuaidh Iain MhicDhòmhnaill, a bha stiùireadh Còisir Ghà idhlig an Òbain, agus a bha ainmeil airson a bhith cur fuinn air bà rdachd Ghà idhlig. Fiù 's an uair sin, bha guth Nèill a' tarraing aire dhaoine.
Cha robh Niall air crìoch a chuir air fhoghlam nuair a chaidh e dhan Chogadh Mhòir, far an robh e na oifigeach anns an nèibhidh le command air bà ta-sguabaidh. Thill e air ais gu foghlam às dèidh a' chogaidh agus cheumnaich e le M.A. B.Sc. à Oilthigh Ghlaschu.
Ann an Glaschu, bha e na bhall de Chòisir Eaglais Chaluim Cille agus bha fèill mhòr air aig gach cuirm is cèilidh a bha a' dol, mar a mhìnich Fred MacAmhlaigh anns a' phrògram a rinn e mu dheidhinn Niall (17/10/85):
"Anns na bliadhnaichean sin bha Gà idheil a' bhaile nan là n ìre agus bha talla a' bhaile agus Talla Naomh Anndrais daonnan là n Ghà idheil o gach comann a bh' ann, ag èisteachd ris na seinneadairean òga, ùra, air an robh iad a' fàs cho eòlach agus cho measail air a' ghramafon. Bha na Mòdan cuideachd aig à ird an comais an uair ud agus, aon uair 's gun d' fhuair Niall am Bonn Òr aig Mòd Ghlaschu ann an 1921, cha robh tilleadh tuilleadh na shoirbheas."
Nuair a dh'fhosgail am BBC stèisean ann an Obar Dheathain, 's e Niall a chuireadh ann, agus cha b' fhada gun do stèidhich e prògram beag Gà idhlig, Sgeulachdan agus Òrain.
Tha e coltach gur e duine air leth dreachmhor, pearsanta a bh' ann, le gruag bà n ruadh, "eòlach air e fhèin a ghluasad gu cubhaidh anns gach suidheachadh a thigeadh air."
'S dòcha gur e sin, a thuilleadh air guth eireachdail, bu choireach gu robh e cho tric air aoigheachd an Caisteal Inbhir Aora, far an robh meas mòr aig Diùc Earra-Ghà idheal agus aig Lady Elspeth Caimbeul air an t-seinn aig Niall agus an ceòl a chluicheadh a bhean, Jenny Currie, air a' phià na.
Aig aon à m na bheatha bha trioblaid aig Niall le deoch là idir ach an uair a dh'fhà g e am BBC ann an 1930, chuir e cùl ris an deoch gu tur. Rinn e fhèin agus Jenny am beòshlaint fad bhliadhnaichean a' seinn air feadh Alba agus a' dèanamh chlà ir. Sheinn e cuideachd am Baile Mhorail don Rìgh Seòras agus a bhean, mà thair na Ban-righ, agus aig Royal Command Performances ann an Lunnainn.
Na à m, cha robh duine am measg nan seinneadairean Gà idhlig a rinn uibhir a chlà ir ri Niall MacIllEathain, còrr agus 300 air fad.
Ach a dh'aindeoin an fhèill a bha air fhèin mar sheinneadair agus air na clà ir, 's fheudar nach robh an cosnadh dha rèir. Ann an 1936 chuir e seachad bliadhna ann an Colaiste Chnoc Iòrdain agus an dèidh sin, thoisich e ri teagasg an Dùn Omhain, ged a lean e air a' seinn.
Aig aois 67, goirid an dèidh dha sguir a theagasg, chaochail Niall. Mar a dh'innis Fred MacAmhlaigh:
"'S ann aig cuirm anns an Òban a bh' ann, ann an 1962, agus iad a' cruinneachadh airgid airson Mòd na bliadhna sin anns a' bhaile. Bha Niall ann am fonn math, is sheinn e grunnan òrain air an robh an luchd-èisteachd eòlach is fìor dhèidheil. Ach goirid an dèidh na cuirme, ghabh e grèim-cridhe agus chaochail e an ceann beagan sheachdainean."
Bha sin air 4 Cèitean, 1962.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.