Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: annabel nicDhòmhnaill agus fiona dowds, iain macIllEathain (Tobar Mhoire), mà iri c. nicNimhein, na h-Uiseagan agus Niall MacIllEathain.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: annabel nicDhòmhnaill agus fiona dowds, iain macIllEathain (Tobar Mhoire), mà iri c. nicNimhein, na h-Uiseagan and Niall MacIllEathain.
Sèist / Chorus
Hòbhan na hòbhan hò,
Hì ho rò na hùbhan,
Hòbhan na hòbhan hò
Air Birlinn Ghoraidh Chròbhain.
Fichead sonn air cùl nan rà mh,
Fichead buille lùghmhor;
Siùbhlaidh i mar eun a' snà mh
Is siaban thonn ga sgiùrsadh.
Suas i sheòid air bà rr nan tonn!
Sìos gu ìochdar sùigh i!
Suas an ceòl is togaibh fonn,
Tha Mac an Rìgh ga stiùireadh!
A' Bhirlinn Rìoghail, 's i a th' ann,
Siubhal-sìth na gluasad;
Sròl is sìoda à rd ri crann
'S i Bratach Olaibh Ruaidhe.
Dh'fhà g sinn Manainn mòr nan tòrr,
Èirinn a' tighinn dlùth dhuinn;
Air Ìle an fheòir tha sinn an tòir
Ged dh'èireas tonnan dubh-ghorm.
Siud e nis, an t-eilean crom
Tìr nan sonn nach diùltadh,
Stòp na dibhe thoirt air lom
'S bidh fleadh air bonn san Dùn duinn.
Cuspair an Òrain - Goraidh Chròbhain
Bha Goraidh Chròbhain na shà r laoch anns an aona linn deug a rèir nam mòr-sgeulachdan. Bha e a' sabaid ann an arm Harald Hardradr, Rìgh Nirribhidh, aig Blà r Stamford Bridge ann an 1066. Chaidh an latha le arm Shasainn agus ghluais iad gu deas air turas nach robh cho soirbheachail, a chrìochnaich aig Blà r Hastings.
Rinn Goraidh a shlighe tuath, an toiseach gu Eilean Mhanainn agus, ann an 1079, tha lorg air ann an Ìle. Thog e arm air an eilean agus fhuair e smachd air Rìoghachd nan Eilean. Bha ùghdarras aige air Bail' Àtha Cliath ann an Èirinn co-dhiù airson greis.
Chaochail Goraidh Chròbhain, Rìgh nan Eilean, ann an Ìle ann an 1095 agus a rèir beul-aithris an eilein tha an uaigh aige air a chomharrachadh le creag mhòr ris an canar A' Charraig Bhà n, faisg air Cinn Trà .
Tuilleadh Fiosrachaidh
Nochd cruinneachadh de na h-òrain aig Donnchadh MacIain anns an leabhar Crònan nan Tonn an toiseach ann an 1939. Chaidh deasachadh ùr den leabhar, le ceithir òrain a bharrachd, fhoillseachadh le Ceit NicIain, Inbhir Nis, 1997.

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghà idheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) à rach. Bha a sheanair agus ...
Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.