Òran air a sgrìobhadh le: Mòr Chaimbeul agus air a sheinn le: donnchadh macIllEathain, alyth nicCharmaig, catrìona a. nicNimhein, còisir ghà idhlig bhaile mhà iri, Lorna NicCharmaig, Mà iri Sandeman, sandra chamshron agus Seonag NicChoinnich.
This is a song written by: Mòr Chaimbeul and sung by: donnchadh macIllEathain, alyth nicCharmaig, catrìona a. nicNimhein, còisir ghà idhlig bhaile mhà iri, Lorna NicCharmaig, Mà iri Sandeman, sandra chamshron and Seonag NicChoinnich.
Sèist / Chorus
Hòbhan òbhan òbhan iri
Hòbhan iri bhÃ
Hòbhan òbhan òbhan iri
'S mòr mo mhulad fhìn.
'S iomadh oidhche fliuch is tioram,
Sìde nan seachd sian,
Fhuair MacGriogair dhomh-sa creagan
Anns a' faighinn dìon.
Griogal cridhe nam bas geala
Dhòrt iad t-fhuil air fèith;
Chuir iad do cheann air stoc daraich
Tacan beag bhuam fhèin.
'S truagh nach robh biodag nam athair
Diùc a tha na lùib
'S Griogal cridhe nan bas geala
Eadar mo dha là imh.
'S mòr gum b'fheà rr leam Griogal cridhe
'G iomain chruidh le gleann
Na mac Righ le shìod' air lobhtaidh
Cluasag gheal fo cheann.
Ged tha mi gun ulaidh agam
Ulaidh uil' aig cà ch
'S th' ann tha m' ulaidh 's cùbhraidh anail
'S cùl a chinn ri là r.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an rannsachadh aig Mà rtainn MacGriogair air The Lament for Griogair Ruadh Macgregor of Glen Strae and its Historical Background ri fhaighinn san leabhar The Polar Twins, deasaichte le Edward J. Cowan agus Douglas Gifford, air fhoillseachadh le John Donald, Dùn Èideann, 2002.

'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a ...
Fiosrachadh air Lorna NicCharmaig / Learn more about Lorna NicCharmaig
Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...
Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnichRugadh agus thogadh Mà iri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a mà thair, Mà iri Trump, agus thà inig cuideachd a h-athar, Pat ...
Fiosrachadh air Mà iri Sandeman / Learn more about Mà iri SandemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.