
'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a mà thar, Clarice. 'S i an aon nighean anns an teaghlach agus tha ceathrar bhrà ithrean aice, Art, Raibeart, Eachann, agus Iain.
Chaidh Lorna go Bhun-sgoil agus Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an dèidh an sgoil fhà gail chaidh i a dh'obair do Bhanca Dhail Chluaidh anns a' bhaile. Bha i ag obair ann an sin gu 2007 nuair a thòisich i ag obair do Chomhairle na Gà idhealtachd, ann am Port Rìgh.
Thòisich i a' seinn aig mòdan nuair a bha i anns an sgoil agus tha i air a bhith a' deanamh gu math ann an co-fharpaisean nan inbheach. Choisinn i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Inbhir Nis ann an 1984, agus bhon uair sin tha i air a bhith gu math soirbheachail ann am farpaisean Sarah Weir is Òrain Chataibh agus an Eilein Sgitheanaich.
Bha i airson mu chòig bliadhna ann an Còisir Ghà idhlig Phort Rìgh ach chionns gu bheil i robh thrang le gnothaichean eile chan eil ùine aice a bhith na ball an-drà sta. Tha i a' cur seachad mòran ùine an sàs ann am Buidheann Pantomime Phort Rìgh agus bha i na riochdaire air an dealbh-chluich a chuir iad air à rd-ùrlar ann an 2010, dealbh-cluich anns an robh sia fichead neach, clann is inbhich, a' gabhail pà irt.
Tha Lauren, an nighean aice, a' seinn cuideachd agus cluichidh i an giotà r agus am pià na. Tha Lauren agus Lorna air a bhith a' seinn còmhla agus tha iad an dòchas ann an ùine nach bi fada gum bi iad a' seinn ann an co-fharpaisean cà raid.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.